An t-Oll Urr Iain D Caimbeul, Eaglais Shaor an Rubha
Còmhla ris an Oll Urr Iain D Caimbeul, Eaglais Shaor an Rubha. Gaelic religious service conducted by Rev Dr Iain D Campbell, Point Free Church.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus na leughaidhean a leanas:
Salm 130: 7-8 air fonn Kilmarnock agus 's e Alasdair MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Shnìosoirt san Eilean Sgiathanach.
Salm 24: 1-2 air fonn Evan agus 's e an t-Urr Coinneach Stiùbhart a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor an Òib.
Salm 103: 12-13 air fonn Morven agus 's e Torcuil MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chrosbost.
Leughaidhean:Ròmanaich 3: 19-26 & Ròmanaich 5: 1-11
Ceann teagaisg:Ròmanaich 5: 1
Rugadh an t-Oll Urr Iain D Caimbeul ann an Steòrnabhagh ann an 1963. 'S e as sine dhen teaghlach aig Iain Tormod (nach maireann) agus Lily Chaimbeul, le dithis peathraichean, Meg is Alma, nas òige. 'S e ministear a bha na sheanair air taobh a mhà thar - an t-Urramach Iain MacCoinnich a bha na mhinistear air coitheanal Eaglais Shaor a' Phluic agus mu dheireadh Eaglais an Òib. Chaidh Mgr Caimbeul oideachadh ann an Àrd-Sgoil MhicNeacail, Oilthigh Ghlaschu agus Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann. Thar nam bliadhnaichean tha e air teisteanasan MA fhaighinn à Glaschu, BD agus MTh à Lunnainn, agus Dip Th agus PhD à Dùn Èideann.
Chaidh Mgr Caimbeul a phòsadh ris a' chiad choitheanal aige ann an 1988 far an robh e na mhinistear air coitheanal Shnìosoirt san Eilean Sgitheanach bho 1988 gu 1995. Ghluais e an uairsin a Leòdhas far an robh e bho 1995 gu 2009 na mhinistear air coitheanal Eaglais Shaor a' Bhac. Tha e nise na mhinistear air coitheanal Eaglais Shaor an Rubha.
Tha Mgr Caimbeul pòsta aig Anne agus that triùir chloinne aca, Iain, Stephen agus Emily.
Tha e air grunn leabhraichean a' sgrìobhadh, tha e na shearmonaiche ainmeil agus daonnan a' cur ri là raich-lin leithid Alliance of Confessing Evangelicals agus Ligonier Ministry, a bharrachd air a bhith sgrìobhadh pìos airson a' phà ipeir ionadail Gasaet Steòrnabhaigh gach seachdain. Tha e a' cur seachad torr ùine a' dèanamh òraidean agus a' searmonachadh anns an dùthaich seo agus thall thairis. Nuair a gheibh e ùine dha fhèin bithidh e a' dèanamh tòrr siubhail air a bhaidhsagail.
Last on
Broadcasts
- Sun 3 May 2015 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 3 May 2015 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal