Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Jack MacArtair, Eaglais Naomh Chaluim Chille, Glaschu - 1990

Seirbheis à tasglann a' BhBC còmhla ris an Urr Jack MacArtair (nach maireann), Eaglais Naomh Chaluim Chille - 1990. Gaelic archive service conducted by the late Rev Jack MacArthur.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 102: 19-20 air fonn Walsall agus 's e Iain A Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.
Salm 16: 10-11 air fonn Evan agus 's e an t-Urr Seumas Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Garrabost.

Leughadh: Eseciel 37: 1-14
Ceann-teagaisg: Eseciel 37: 11

Rugadh Iain Murchadh MacArtair, no Jack mar a b' fheàrr a dh' aithnicheadh daoine e, air an naoidheamh là fichead den Iuchar 1938 ann am baile Mharabhaig an ceann a deas nan Loch ann an Leòdhas. Bha ochdnar anns an teaghlach aca, còignear bhalach agus triùir nighean. Chaidh Mgr MacArtair iompachadh còmhla ri mòran eile ri linn an t-searmonaiche ainmeil, an t-Urr Donnchadh Caimbeul ann an Leòdhas anns na leth-cheudan. Fhuair Mgr MacArtair foghlam ann an Oilthigh Ghlaschu eadar 1957 agus 1959 agus thug e mach dreuchd neach-teagaisg. Chaidh e air ais dhan oilthigh ann an 1963, an turas seo air an t-slighe chun na ministrealachd. Chaidh a phòsadh ris a' chiad choitheanal aige ann an 1966, coitheanal Cheann Loch Biorbhaidh agus Dhiùranais ann an Cataibh far an robh e a' cumail sheirbheisean Gàidhlig. Ann an 1971 ghluais e a Chàrlabhagh agus fhads a bha e ann an Leòdhas thòisich Comhairle nan Eilean ann an 1974. Bha Mgr MacArtair na chathraiche air Comataidh an Fhoghlaim aig a' chomhairle. Dh'fhàg e Leòdhas ann an 1979 agus chaidh e dhan Ath Leathann san Eilean Sgiathanach. Cha robh e fada an sin nuair a chaidh a thaghadh mar chomhairliche air Comhairle Roinn na Gàidhealtachd agus na chathraiche air Roinn an Fhoghlaim ann a sin cuideachd. Bha Mgr MacArtair aithnichte airson an obair mhòr a rinn e anns na h-Eileanan agus air Ghàidhealtachd airson foghlam agus Gàidhlig.

Chaidh a phòsadh ri coitheanal Eaglais Naomh Chaluim Chille ann an Glaschu ann an 1989 far an robh e na mhinistear gus an do leig e dheth a dhreuchd air sgàth a shlàinte ann an 1996. Bha Mgr MacArtair ainmeil mar shearmonaiche a' tàladh sean is òg chun na seirbheisean aige agus bha e cuideachd ainmeil mar neach-poilitigs. Bha e pòsta aig Cathie agus bha dithis nighean agus gille aca. Bhàsaich Mgr MacArtair aig aois tri fichead sa ceithir anns an Dùbhlachd 2002.

29 minutes

An t-Urr Jack MacArtair

An t-Urr Jack MacArtair

Broadcasts

  • Sun 26 Apr 2015 21:00
  • Sun 5 Aug 2018 21:00
  • Sun 12 Jul 2020 21:00