Creideasan Agus Cruadal
Calum MacFhearghuis a' gabhail sgrìob timcheall a' Rubha. An-diugh creideasan agus cruadal. Calum Ferguson explores his favourite nooks and crannies in Point, Isle of Lewis.
Rugadh agus thogadh Calum MacFhearghuis ann am Port Mholair san Rubha a Leòdhas. Ann a 2004 rinn e sreath phrògraman a' dol timcheall a' sgìre a' tadhail air geodhaichean agus cladaichean, air cnuic agus glinn ag innse sheanchasan a tha a' dèanamh dealbh soilleir air an dòigh-beatha a bh' ann agus a' choimhearnsachd a bha dha chuairteachadh nuair a bha e na bhalach òg san Rubha sna 30an agus na 40an.
'S ann aig Gèodha na Sùla, a tha Calum a' tòiseachadh a chuairt an-diugh. Gheibhear thuige bho gu h-à rd agus bho gu h-ìosal. Gheibh sinn cuideachd iomradh air seann chleachdaidhean agus chreideasan leithid te a bh'anns a' bhaile a chunnacas mar gum biodh ag adhradh dhan ghealaich agus a' toirt talamh à lot a nà baidh agus dha chuir air a' lot aice fhèin airson an talamh aice fhèin a mhathachadh.
Cluinnidh sinn cuideachd mu Ghormul 'an Fhìbhig aig an robh an dà -fhradharc. Thà inig i a shealltainn air seanmhair Chaluim agus, ged nach robh ach glè bheag a-staigh aice, gheall Gormul dhi gum biodh iasg air a' bhòrd a' là sin fhathast, ged nach robh duine am broinn an taigh air chothrom sin fhaighinn aig muir.
Gheibh sinn iomradh cuideachd air a' chaitheamh, TB, a bha na ghalair uabhasach mus d'fhuaireadh leigheas air a shon, agus mar a bhuail e teaghlach MhicCue.
Agus stadaidh Calum greiseag a dh' èisteachd ri na dìdigean air a robh uidhir a dh'fhèill na òige.
Chaidh Rubha Chaluim a chraoladh an toiseach ann a 2004.
Last on
More episodes
Next
Broadcasts
- Thu 19 Mar 2015 12:03Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 19 Mar 2015 22:10Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 22 Mar 2015 09:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal