Main content
Sorry, this episode is not currently available

Buth Innis Uilleim

Calum MacFhearghuis a' gabhail sgrìob timcheall a' Rubha. An-diugh bùth Innis Uilleim. Calum Ferguson explores many of his favourite nooks and crannies in Point, Isle of Lewis.

Rugadh agus thogadh Calum MacFhearghuis ann am Port Mholair san Rubha a Leòdhas. Ann a 2004 rinn e sreath phrògraman a' dol timcheall a' sgìre a' tadhail air geodhaichean agus cladaichean, air cnuic agus glinn ag innse sheanchasan a tha a' dèanamh dealbh soilleir air an dòigh-beatha a bh' ann agus a' choimhearnsachd a bha dha chuairteachadh nuair a bha e na bhalach òg san Rubha sna 30an agus na 40an.

'S e sgeulachd Innis Uilleim a th' aig Calum dhuinn an-diugh. Bha bùth, eathraichean agus taighean-saillidh aige agus cluinnidh sinn eachdraidh air fhèin, a bhean agus a mhac. Tha seanchas aig Calum mu 'An Choinnich a bha sgìth dhe na faichan a bh'air anns a' bhùth agus a thug leasan dha nach deach às a' chuimhne agus a chuir às dha nan fiachan a bh' air. Bha Leabhar nam Fiach aige cuideachd agus bha ainmean an fheadhainn a bh'anns na fiachan a' dol ann agus ainmean an fheadhainn bho robh e a' faighinn ghnothaichean a bha e a' reic sa bhùth. Tha Calum ag innse cuideachd gur h-ann taobh a-muigh na bùtha a bhiodh òigridh na sgìre a' cruinneachadh agus a' danns' ris a' mhaileodean a h-uile h-oidhch'.

Chaidh Rubha Chaluim a chraoladh an toiseach ann a 2004.

30 minutes

Last on

Sun 29 Mar 2015 09:30

Broadcasts

  • Thu 26 Mar 2015 12:03
  • Thu 26 Mar 2015 22:10
  • Sun 29 Mar 2015 09:30