Main content
Sorry, this episode is not currently available

Seonaidh MacSuain, ministear-cuideachaidh Eaglais na h-Alba air an Tairbeart

Seirbheis còmhla ri Seonaidh MacSuain, ministear-cuideachaidh Eaglais na h-Alba air an Tairbeart 2000. Service with John MacSween, assistant minister of Tarbert Church of Scotland.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus AN leughadh a leanas:
Salm 78: 1-2 air fonn London New agus 's e Dòmhnall Angaidh Mac a' Phiocair a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor an Òib.
Salm 46: 10-11 air fonn Torwood agus 's e Ailean Guinne a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Port Rìgh.
Leughadh: 1 Timoteus 1: 1-20
Ceann-teagaisg: 1 Timoteus 1: 18-19

Rugadh Iain, no Seonaidh MacSuain, Seonaidh Alasdair Bhig ann a Sgarastadh Mhòr air 18 Iuchar, 1947. Bhuineadh cuideachd a mhàthar, Seonag Iain 'ic Fhionnlaigh, do Sgarastadh fhèin agus cuideachd athar do Mhiabhag a Deas. Bha triùir bhràithrean aige agus ceathrar pheathraichean. Chaochail aon dhiubh na pàiste, aig aois còig bliadhna. Chaidh Seonaidh do Bhun-Sgoil Sgarastaidh agus an dèidh sin do Sgoil an Òib.
Chuir e seachad cuid mhath de bheatha a' dràibheadh aig trì companaidhean ionadail anns na Hearadh. Thug e cuideachd dà bhliadhna ag obair ann an Oifig a' Phuist air an Tairbeart agus, mus tug a shlàint air sguir a dh'obair ann an 2004, bha e na 'ghafair' aig Loidse nam Borgh airson faisg air dusan bliadhna.
Ann an 1969 phòs Seonaidh Oighrig NicLeòid bhon Tairbeart, nighean Ailig John Sheonaidh Dhòmhnaill Chaluim à Beàrnaraigh, Na Hearadh. Tha dithis chloinne aca, Dorothy agus Iain.
Bha ùidh mhòr aig Seonaidh ann an ceòl bho bha e na bhalach, gu h-àraidh ceòl a' bhogsa, sgil a dh'ionnsaich e dha fhèin. Bha e iomadach bliadhna ann an Còmhlan Cèilidh na Hearadh agus an còmhlan a' cluiche aig dannsaichean feadh Leòdhais agus Na Hearadh. Tha Dòmhnall Iain, bràthair Sheonaidh, math air seinn agus 's e a' chiad duine a thug an t-òran Chì Mi 'n Tìr gu aire luchd-èisteachd. Na òige cuideachd bhiodh Iain a' cur seachad tòrr ùine còmhla ri mac a pheathar, an t-Urramach Donaidh MacSuain. Bhiodh iad a' cluich ball-coise, ag iasgach chudaigean agus a' lorg neadan sheillein airson mil.
Anns na ceithir ficheadan thàinig atharrachadh am beatha Sheonaidh. Bha e na leughadair aig Eaglais na h-Alba agus chluinnear e gu math tric a' searmonachadh ann an eaglaisean air feadh Leòdhais agus Na Hearadh. Bha guth seinn sgoinneil aige agus bhiodh e tric a' cur a-mach na loidhne agus a' seinn laoidhean anns na seirbheisean agus bha e ri chluinntinn cuideachd a' searmonachadh ann an Dèanamaid Adhradh agus a' toirt Smuain na Maidne chun luchd-èisteachd air an rèidio.
Chaochail Iain MacSuain ann an Ospadal an Rathaig Mhòir air an 8mh den t-Samhain 2010, aig aois trì fichead 's a trì.

31 minutes

Seonaidh MacSuain

Seonaidh MacSuain

Broadcasts

  • Sun 15 Feb 2015 21:00
  • Sun 17 Mar 2024 21:00