An t-Urr Sean Ankers, Clèir Ghlaschu agus Earra-Ghà idheal den Eaglais Shaor
Còmhla ris an Urr Sean Ankers, Clèir Ghlaschu agus Earra-Ghà idheal den Eaglais Shaor. Gaelic service conducted by Rev Sean Ankers, Free Church Presbytery of Glasgow and Argyll.
Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 2: 7-8 air fonn Montrose agus 's e Dòmhnall MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Phort Rìgh
Salm 130: 3-5 air fonn Kilmarnock agus 's e Ailig Iain MÃ rtainn a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Cheann Loch.
Salm 22: 22-24 air fonn Martyrdom agus 's e Dòmhnall Mac a' Ghobhainn a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba Srà id Ghà irnealair ann an Glaschu.
Leughadh: Isaiah 52: 13 - 53:12
Ceann-teagaisg: Isaiah 53:12
Rugadh Sean Ankers ann am Peairt agus bha an teaghlach cuideachd a' fuireach anns a' Ghearastan airson ùine. Tha e fhèin agus triùir pheathraichean anns an teaghlach. Chaidh e dhan sgoil ann an Lenzie agus Inbhir Nis agus cheumnaich e bho Oilthigh Obar Dheathain le ceum MA ann an Gà idhlig ann an 2011. Fhuair Sean cead-searmonachaidh an uiridh às dèidh a bhith ag ullachadh airson trì bliadhna ann an Colaiste na h-Eaglaise Saoire airson na ministrealachd. Nuair a bha e anns a' cholaiste chur e seachad ùine san Eaglais Shaor ann an Inbhir Nis, Steòrnabhagh agus ann am Baile Eòghainn. Tha Sean an-drà sta stèidhichte ann am Muile agus Sgìre Earra-Ghà idheal. Nuair a gheibh e ùine dha fhèin bidh e a' ruith agus a' coiseachd nam beann.
Last on
An t-Urr Sean Ankers
Broadcasts
- Sun 15 Feb 2015 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 15 Feb 2015 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 4 Oct 2015 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 4 Oct 2015 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal