Catriona Mhurchaidh Theà rlaich
Na laoidhean agus a' bhà rdachd spioradail aig Catriona NicDhòmhnaill às a' Ghlais-Pheighinn. A selection of spiritual poetry and hymns composed by Catriona MacDonald, Glasphein.
Rugadh Catrìona NicDhòmhnaill san Dìg, an Stafainn san Eilean Sgitheanach, air 3 Dùbhlachd 1925. B' i bu shine san teaghlach aig Murchadh MacLeòid, Murchadh Theà rlaich, agus a bhean Mòr NicFhionghain, iad le chèile às an Dìg. Bha aon phiuthar aice, Anna, agus triùir bhrà ithrean, Dòmhnall, Teà rlach Iain agus Murchadh, a chaochail na leanabh.
Chaidh i don sgoil as an Dìg agus, nuair a dh'fhà g i aig aois 14, b' e a' chiad obair a bh' aice coimhead às dèidh cailleach ann an Cinnseaborg. Thug i greis cuideachd ag obair anns an Taigh Sheinnse, mar a bha air an taigh as an robh Oifig a' Phuist an Stafainn, nuair a bha am boireannach a b' à bhaist a bhith ann tinn airson ùine.
An uair sin chaidh i a dh'Inbhir Nis far an do chòrd e gu mòr rithe a bhith ag obair, a' coimhead às dèidh seann daoine, anns a' Mayfield Home of Rest. An dèidh sin chaidh Catrìona a dh'obair ann an Oifig Puist a bha aig piuthar a mà thar ann an Eilean Arainn. Nuair a chaochail a h-athair thug i mu bhliadhna aig an taigh còmhla ri a mà thair.
Dh'fhalbh i an uair sin a Ghlaschu, gu bhith na banaltram ann an Ospadal Stobhill, obair a thug mòran tlachd dhith. B' ann an Glaschu, ann an 1948, a phòs i Dòmhnall Dòmhnallach, Dòmhnall nan Crannag às a' Ghlais-Pheighinn ann a' Stafainn. Thill iad air ais don Eilean Sgiathanach agus thog iad ceathrar theaghlach anns a' Ghlais-Pheighinn: Chris Ann, Dòmhnall, Mòrag agus Murdella.
"'S ann an trì fichead 's a h-aon deug a sgrìobh mi a' chiad laoidh, à m na Nollaig. Bha mi nam shuidhe ri taobh an teine oidhche, 's mi ag èisteachd seinneadair ainmeil a' seinn laoidh a chaidh eadar-theangachadh dhan chloinn. 'S nuair a bha e ullamh thuirt mi, "O well, dhèanadh tu fhèin na b' fheà rr na siud!" Agus dìreach thà inig rud gam ionnsaigh ag rà dh "An dèan thu fhèin e?" agus dh'èirich mi is sgrìobh mi a' chiad tè, do chloinn."
Glòir do Dhia sna h-à rdaibh
Is air an talamh sìth;
Glòir do Dhia sna h-à rdaibh
Deagh ghean do dhaoin';
Glòir do Dhia sna h-à rdaibh
Siud thuirt ainglean Dhè;
Glòir do Dhia, rugadh Ìos'
Ann a' stà ball Bhetlèhem.
Tha Catrìona soilleir gur e gibht a tha anns an tà lant a th' aice:
"Chan e sgoilearachd, 's chan e cà il sònraichte a bh' annams' idir, idir. 'S e gibht a bh' ann agus mar bu trice thigeadh rudeigin gam ionnsaigh.
Bha greis mhath ann mus robh fios aig duine gu robh Catrìona a' sgrìobhadh:
"A' chiad tè a chaidh a chlà radh, 's ann ann a' Record na h-Eaglais' a bha i, 's chan eil fhios agamsa fhathast cò a chuir ann i. 'S chan eil fhios agam abair bith cò a chuir ann i, ciamar a fhuair iad i."
Tha Catrìona air mu cheud laoidh a dhèanamh, a' mhòr-chuid ann an Gà idhlig, air cuspairean eadar-dhealaichte, ged tha prìomh chuspairean aice mar a mhìnich i fhèin:
"Ionndrainn, tha sin a' togail tòrr smuaintean agus gu h-à raid dè a tha air thoiseach oirnn. 'S toigh leam a bhith a' sgrìobhadh mu dheidhinn sin, mas urrainn dhomh, agus trioblaidean an t-saoghail, 's mar tha feadhainn a' faighinn barrachd trioblaid na feadhainn eile, 's mar a dh'fhaodadh sin ar stiùireadh gu nithean nas à irde.
Tha fuinn leithid Abba agus Harmony, a chruthaich Catrìona airson sailm, gan cleachdadh san eaglais. Rinn i Harmony greis an dèidh dha a brà thair caochladh agus dh'fhaighnich i dhan teaghlach aige dè bheireadh i air an fhonn ùr. Bha bà ta aige air an robh Harmony agus sin an t-ainm a roghnaich iad.
Chaidh dà leabhar de na laoidhean aig Catriona a chur an clò anns na ceithir ficheadan, Sgeul na Rèite agus Bannan Grà idh, agus bho chionn ghoirid nochd leabhar ùr, A' Chreathall, an Crann 's an Crùn, pròiseact a chuir an teaghlach aice air dòigh far a bheil cruinneachadh gu math nas motha de na laoidhean aig Catriona. Thà inig an t-ainm bho phìos bà rdachd a sgrìobh i às dèidh èisteachd ri searmon bhon Urr Iain Fearghasdan, nach maireann, far an do chleachd e fhèin na dearbh bhriathran.
Tha i cuideachd ri cluinntinn bho à m gu à m air Â鶹Éç Radio nan Gà idheal le Smuain na Maidne.
Last on
Broadcasts
- Mon 11 Aug 2014 13:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Mon 11 Aug 2014 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 17 Aug 2014 13:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal