Talla Nis @ 50
A' comharrachadh 50 bliadhna bhon a dh'fhosgail Talla Nis ann a Leòdhas. Celebrating 50 years of a well-known and historic local hall at Ness on the Isle of Lewis.
Chaidh Talla Nis a fosgladh air Dimà irt 21mh Iuchair 1964. Bha luaidh ga dhèanamh oirre mar an talla as motha agus as goireasaiche taobh a-muigh baile Steòrnabhaigh.
Bha à rd-urlar innte na bu mhotha na bh'ann a Steòrnabhagh, seòmraichean-sgeadachaidh do dh'actaran agus oifis thiocaidean. Agus ghleidheadh i suas ri 500 neach.
Bha i loma-là n 's a' cur thairis an oidhche a chaidh a fosgladh, nuair a chruinnich na ceudan mòra dhaoine aig ceilidh. Chlà r Pà draig Greumach à Borgh pà irt dhen oidhche agus tha sin ri chluinntinn anns a' phrògram seo.
Cluinnear cuimhneachain muinntir na sgìre fhèin air an oidhche mhòr sin ann an 1964. Agus innsidh iad cuideachd mun iomadh cuirm agus cruinneachadh dòigheil a th'air a bhith anns an talla thairis air na bliadhnaichean.
A' bruidhinn anns a' phrògram tha Murchadh MacRisnidh a thog an talla, Mà iri Anna Mhoireasdean, Tormod Caimbeul, Iain Gordon Dòmhnallach, Coinneach MacLeòid, Caristiona is Iain MacLeòid a phòs innte agus Donaidh MacLeòid a tha 'n-diugh na chathraiche air an talla.
Agus cluinnear cuideachd Calum Dòmhnallach bhon chòmhlan Runrig, le chuimhneachain fhèin air cuirmean Nis!
Last on
Broadcasts
- Mon 21 Jul 2014 13:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Mon 21 Jul 2014 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 27 Jul 2014 13:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Christmas Eve 2014 08:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- New Year's Day 2015 19:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal