An t-Urr Daniel MacFhionghuin, an Eaglais Shaor Leantainneach 2003
Seirbheis à tasglann a' BhBC còmhla ris an Urr Daniel MacFhionghuin, an Eaglais Shaor Leantainneach. Service conducted by Rev Daniel MacKinnon, Free Church Continuing (2003).
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 48: 1-2 air fonn St David agus 's e Murchadh C MacFhionghuin a tha os cionn na seinn agus Salm 84: 11-12 air fonn Moravia le Dòmhnall N Mà rtainn os cionn na seinn, a chaidh a chlà radh ann an Eaglais Shaor Chrosboist.
Leughadh : 2 Corintianaich 5: 1-21
Ceann-teagaisg: 2 Corintianaich 5:10
'S e an t-Urramach Daneil MacFhionghuin a tha toirt thugainn Dèanamaid Adhradh air an t-seachdain seo. Bha Mgr MacFhionghuin na mhinistear aig an Eaglais Shaor Leantainneach anns a' Mhanachainn gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 2004. Tha Mgr MacFhionghuin, a rugadh 's a thogadh ann am baile Liurboist air na Lochan, a-nise air a dhachaigh a dhèanamh air taobh siar an eilein ann am baile Bhreascleit bho leig e dheth a dhreuchd. Mar a h-uile ministear eile, nuair a leigeas iad dhiubh an dreuchd, tha e nas trainge na bha e riamh. Bidh Mgr MacFhionghuin a' searmonachadh thall sa bhos far a bheil an coitheanal bà n agus nuair a bhios ministear na paraiste air falbh.
Na bhalach òg chaidh a gu baile mòr Ghlaschu far an tug e mach ceà rd mar shaor, cha robh e fada air an dreuchd sin a thoirt a-mach nuair a chaidh e gu muir mar iomadach balach òg eile às na h-eileanan aig an à m. Bha e seòladh air feadh an t-saoghail airson iomadach bliadhna, agus an uairsin chaidh e gu South Georgia far an do chuir e seachad dà bhliadhna. Dà bhliadhna gu math fada a rèir fhèin. Thill e air ais a Ghlaschu far an robh e na 'bhoatman' air abhainn Chluaidh. B' ann an uairsin a thòisich e air clasaichean oidhche aig Oilthigh Ghlaschu agus cheumnaich e le MA. Às an sin chaidh e gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire agus thug e mach a' mhinstearalachd ann an 1980. Nuair a gheibh e ùine dha fhèin is caomh leis a bhith ag iasgach, a' coiseachd nam beann agus a' dèanamh beagan obrach anns a' ghà rradh.
Last on
An t-Urr Daniel MacFhionghuin
Broadcasts
- Sun 20 Jul 2014 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 17 Dec 2017 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal