Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Oll Dòmhnall Meek bho 1996

Seirbheis à tasglann a' BhBC còmhla ris an Oll Dòmhnall Meek bho 1996. Gaelic archive service from 1996 conducted by Professor Donald Meek.

An t-Oll Dòmhnall Meek a' searmonachadh ann an Dèanamaid Adhradh à tasglann a' BhBC. Chaidh an t-seirbheis a chraoladh an toiseach san t-Sultain 1996.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 46: 1-2 air fonn Stroudwater agus 's e Aonghas MacIllEathain a tha os cionn na seinn agus Salm 72: 17-18 air fonn Montrose agus 's e Coinneach A MacAoidh a tha os cionn na seinn.

Chaidh na sailm a chlàradh ann an Eaglais na h-Alba an Ùige, Leòdhas.

Leughadh: Eabhraidhich 13: 5-15
Ceann-teagaisg: Eabhraidhich 13:14

Rugadh an t-Oll Dòmhnall Meek ann an 1949 gu Ishbel agus Eachainn Dòmhnallach Meek, a bha aig an àm a' fuireach ann an Ìle. Greiseag às dèidh do Dhòmhnall a bhith aca ghluais iad a Thiriodh. B' ann à Glaschu a bha a mhàthair, le buntanas làidir ris an Eilean Sgiathanach, agus 's ann à Tiriodh a bha athair. Bha athair Dhòmhnaill na mhinistear san Eaglais Bhaistidh. Na òige bha Dòmhnall a' frithealadh Bun-sgoil agus Àrd-sgoil Thiriodh agus Àrd-sgoil an Òbain. Cheumnaich e le àrd-urram à Oilthigh Ghlaschu agus à Colaiste Emmanuel ann an Cambridge. Thill e air ais gu Oilthigh Ghlaschu far an robh e na iar-neach deasachaidh air faclair Gàidhlig na h-Alba. Bho 1979 bha e na òraidiche agus na phrìomh òraidiche ann an Ceiltis aig Oilthighean Dhùn Èideann agus Obar Dheathain. Tha e cuideachd air a bhith na bhall air iomadach buidheann co-cheangailte ri bhith a' leasachadh na Gàidhlig, bho comataidhean craolaidh gu comataidhean leasachaidh thall sa bhos. Mar mac ministear tha ùidh mhòr aige cuideachd ann an sgrìobhaidhean cràbhach gu sònraichte sa Bhìoball Gàidhlig, agus bha e gu mòr an sàs anns an deasachadh ùr dhan Bhìoball a nochd ann an 1992. Tha an t-Oll Meek cuideachd air iomadach leabhar agus bàrdachd a sgrìobhadh, leithid Màiri Mhòr nan Òran, The Campbell Collection of Gaelic Proverbs and Proverbial Sayings, A History of Tiree Baptist Church, Là gu Seo agus Taghaidhean de Sgrìobhaidhean Thòmais MhicCalmain. Tha ùidh mhòr, mhòr aige ann am bàtaichean agus gu sònraichte na bàtaichean aig Daibhidh Mac a' Bhruthainn agus aig Caledonian Mhic a' Bhruthainn, mar a th' orra an-diugh.

Tha Dòmhnall pòsta aig Raonaid agus tha dithis nighean aca, Rhoda agus Anna.

30 minutes

An t-Oll Dòmhnall Meek

An t-Oll Dòmhnall Meek

Broadcasts

  • Sun 13 Jul 2014 21:00
  • Sun 6 Dec 2020 21:00