Main content
This programme is not currently available

Seillein

Gilleasbuig MacFhearghais a' tadhal air sgeap Sheonachain MhicLeòid san Àth Leathann. Gilleasbuig Ferguson discovers the world of bees with bee-keeper, John Macleod.

Chan eil fios aig tòrr againn cho cudromach 's tha seillein dhan talamh agus cho deatamach 's a tha iad airson biadh a chumail ri mac an duine. Anns a' phrògram seo, tha Gilleasbuig Fearghasdan a' faighinn a-mach bho Sheonachan MacLeòid anns an Eilean Sgitheanach, mu bhith a' cumail sheillein agus mun dòigh sa bheil iad beò.

Tha an t-uabhas ri ionnsachadh mu sheillein: na sgeapan agus mar a tha iad air an togail, an seòrsa aodach a bu chòir a bhith ort timcheall air seillein, a' bhanrigh agus a h-àite anns a' sgeap, na drones a bhios a' falbh leis a' bhanrigh, a' luchd-obrach a tha a' dèanamh na meala, am poilean a tha iad a' cruinneachadh, na h-uighean, a' larvae, royal jelly, (biadh na banrigh), agus am propolis a bhios a' dùnadh tuill anns a' sgeap.

Tha Seonachan dhen bheachd gum bi an tinneas, varroa, a th'air sgapadh air feadh na rìoghachd, aca ro dheireadh na bliadhna san Eilean Sgitheanach. 'S e biastagan beaga a th'ann a varroa agus tha iad air milleadh mòr a dhèanamh sna dhà neo trì bhliadhnaichean mu dheireadh.

30 minutes

Last on

Sun 20 Jul 2014 13:00

Broadcasts

  • Mon 14 Jul 2014 13:30
  • Mon 14 Jul 2014 22:00
  • Sun 20 Jul 2014 13:00

Gallery