le Iain MacSuain, Eaglais na h-Alba, an Tairbeart
Seirbheis còmhla ri Iain MacSuain, an Leughadair aig Eaglais na h-Alba air an Tairbeart 1996. Service from 1996 with reader the late John MacSween, Church of Scotland, Tarbert.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 106: 1-3 air fonn St David agus 's e Dòmhnall M Fearghasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart
Salm 25: 4-5 air fonn Evan agus 's e Iain Eachann MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Barabhas
Salm 103: 8-9 air fonn London New agus 's e Dòmhnall MacSuain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.
Leughadh: Mata 16: 1-28
Ceann-teagaisg: Mata 16:6
Rugadh Iain, no Seonaidh MacSuain, Seonaidh Alasdair Bhig ann a Sgarastadh Mhòr air 18 Iuchar, 1947. Bhuineadh cuideachd a mhà thar, Seonag Iain 'ic Fhionnlaigh, do Sgarastadh fhèin agus cuideachd athar do Mhiabhag a Deas. Bha triùir bhrà ithrean aige agus ceathrar pheathraichean ach chaochail aon dhiubh na pà iste, aig aois còig bliadhna. Chaidh Seonaidh do Bhun-sgoil Sgarastaidh agus an dèidh sin do Sgoil an Òib.
Chuir e seachad cuid mhath de bheatha a' drà ibheadh aig trì companaidhean ionadail anns na Hearadh. Thug e cuideachd dà bhliadhna ag obair ann an Oifig a' Phuist air an Tairbeart agus mus tug a shlà int air sguir a dh'obair ann an 2004 bha e na 'ghafair' aig Loidse nam Borgh airson faisg air dusan bliadhna.
Ann an 1969 phòs Seonaidh Oighrig NicLeòid bhon Tairbeart, nighean Ailig John Sheonaidh Dhòmhnaill Chaluim à Beà rnaraigh, Na Hearadh. Tha dithis chloinne aca, Dorothy, a tha pòsta ann an Steòrnabhagh agus Iain, a tha ag obair air an Tairbeart.
Bha ùidh mhòr aig Seonaidh ann an ceòl bho bha e na bhalach, gu h-à raidh ceòl a' bhogsa, sgil a dh'ionnsaich e dha fhèin. Bha e iomadach bliadhna ann an Còmhlan Cèilidh na Hearadh agus an còmhlan a' cluiche aig dannsaichean feadh Leòdhais agus Na Hearadh. Tha Dòmhnall Iain, brà thair Sheonaidh, math air seinn agus 's e a' chiad duine a thug an t-òran Chì Mi 'n Tìr gu aire luchd-èisteachd. Na oige cuideachd bhiodh Iain a' cur seachad torr ùine còmhla ri mac a pheathar, an t-Urramach Donaidh MacSuain. Bhiodh iad a' cluich ball-coise, ag iasgach chudaigean agus a' lorg neadan seillein airson mil.
Anns na ceithir ficheadan thà inig atharrachadh am beatha Sheonaidh. Bha e na leughadair aig Eaglais na h-Alba agus chluinnear e gu math tric a' searmonachadh ann an eaglaisean air feadh Lèodhais agus Na Hearadh. Bha guth seinn sgoinneil aige agus bhiodh e tric a' cur a-mach na loidhne agus a' seinn laoidhean anns na seirbheisean agus bha e ri chluinntinn cuideachd a' searmonachadh ann an Dèanamaid Adhradh agus a' toirt Smuain na Maidne chun an luchd-èisteachd air an rèidio.
Chaochail Iain MacSuain ann an Ospadal an Rathaig Mhòir air an ochdamh latha den t-Samhain, 2010, aig aois trì fichead 's a trì.
Last on
Iain MacSuain
Broadcasts
- Sun 4 May 2014 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 17 Jul 2016 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 12 May 2019 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 30 Oct 2022 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal