Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Aonghas I Dòmhnallach

Còmhla ris an Urr Aonghas I Dòmhnallach a bha na mhinistear ann an Eaglais a Sear, Inbhir Nis. Service with Rev Angus J MacDonald, retired minister East Church of Scotland.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sinn na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 65: 4-5 air fonn St David agus 's e an t-Urr Seumas Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Garrabost .
Salm 46: 10-11 air fonn Stornoway agus 's e an t-Urr Seumas MacÌomhair a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Naomh Chaluim Chille ann an Dùn Èideann
Salm 16: 5-6 air fonn Moravia agus 's e Iain Eachann MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Ùige, Leòdhas.

Leughadh: Leabhar an Fhàidh Obadiah 1: 1-4 & 10-17

Ceann-teagaisg: Obadiah 1: 15&17

Rugadh an t-Urramach Aonghas Iain Dòmhnallach ann an Grabhair, Leòdhas far an robh athair na mhiseanaraidh aig an àm. B' ann à Uig, Leòdhas a bha a phàrantan, Dòmhnall agus Murdag. Bha triùir de theaghlach aca, Uilleam Iain ( bha e fhèin na mhinistear) , Aonghas Iain fhèin agus Criosaidh Ann ( a tha pòsta aig an Urr Ruairidh Moireasdan ). Ghluais an teaghlach an uair sin a dh'Eilean Sgalpaigh nuair a bha Aonghas Iain mu cheithir bliadhna a dh'aois, far an do thòisich e anns an sgoil. Dh'fhuirich iad ann an Sgalpaigh gus an robh e mu naoi bliadhna . (Nuair a thòisich Aonghas Iain air searmonachadh air an rèidio, a-rèir choltais, dh'fhaighnich neach anns an èisteachd, " Cò an Leòdhasach a bha siud le blas Sgalpach air a Ghàidhlig?") Ghluais an teaghlach an uair sin gu sgìre Nis ann an Leòdhas far an deach e gu Sgoil Lionail agus às an sin gu Sgoil MhicNeacail. Às dèidh an sgoil fhàgail chaidh e gu Oilthigh Dhùn Èideann far an robh e ag ionnsachadh a bhith na fhiaclair, ach cha do lean e air leis a' chùrsa sin agus thug e mach dreuchd neach-teagaisg ann am matamataigs agus saidheans. Bha e a' teagasg na cuspairean sin ann an sgoil phrìobhaideach ann an Tobar na Màthar airson trì bliadhna. Chaidh e an uair sin air ais dhan oilthigh, an turas seo a' dh' Oilthigh Ghlaschu far an do cheumnaich e le MA agus chaidh e gu Oilthigh Dhùn Èideann a-rithist far an do cheumnaich e an turas seo le BD. Chaidh e a-staigh airson na ministrealachd agus chaidh a phòsadh ris a' chiad choitheanal aige ann an Geàrrloch ann an 1967. Bha e air a bhean Millie a phòsadh ann an 1964 agus bha triùir a theaghlach aca, Dòmhnall Ros, Iain Murdo agus Shona Màiri.

Às dèidh faisg air seachd bliadhna ann an Geàrrloch ghluais Mgr Dòmhnallach agus a theaghlach a Bharbhas far an robh e a' frithealadh a' choitheanail an sin airson faisg air ochd bliadhna. Ghluais iad an uair sin a dh'Inbhir Nis far an robh e os cionn coitheanal an Eaglais a Sear anns a' bhaile gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 2007. Bidh Mgr Dòmhnallach fhathast a' searmonachadh bho àm gu àm.

Nuair a gheibh e ùine dha fhèin is caomh leis a bhith a' dèanamh obair DIY agus cuideachd a' cur seachad ùine ag obair anns a ghàrradh.

30 minutes

Last on

Sun 27 Nov 2022 21:00

Broadcasts

  • Sun 4 May 2014 09:00
  • Sun 4 May 2014 15:00
  • Sun 10 Aug 2014 09:00
  • Sun 10 Aug 2014 15:00
  • Sun 27 Nov 2022 21:00