Mgr Dòmhnall MacLeòid, le seirbheis mun mhuir
Seirbheis shònraichte mun mhuir còmhla ri Mgr Dòmhnall MacLeòid, bho òrdan na White Fathers. A special sea service conducted by Father Donald MacLeod, Order of the White Fathers.
Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sinn na laoidhean agus na leughaidhean a leanas:
Tha Laoidh an Iasgair air a sheinn le Kathleen NicAonghais agus tha Còisir Eaglais Naomh Barr sa Bhà gh a Tuath ann am Barraigh a' seinn na laoidhean, 'Mise Dia nan Muir 's nan Speur' agus 'Thighearna, Thà inig Thu Chun na Linne'. Tha an laoidh Mìorbhail Grà is air a sheinn le Mairi NicAonghais.
Leughaidhean:
Eòin 21: 1-14 agus Mata 14: 22-33 agus a' leughadh tha Anna Nic na Ceardaich.
Lùcas 5: 1-11 agus Lùcas 8: 22-25 agus a' leughadh tha Angela NicFhionghuin.
B' e seo a' chiad turas a chlà r Mgr Domhnall MacLeòid, bho òrdan na White Fathers aig an Eaglais Chaitligeach, seirbheis Ghà idhlig airson radio. Rugadh Mgr Dòmhnall ann an Glaschu ann an 1946 do dh'Annag agus Ruairidh MacLeòid. 'S ann à Barraigh a bha a mhà thair, Annag Bheag Nèill Eubail à Bogach, agus 's ann à Eirisgeidh a bha athair, Ruairidh Beag Aonghais Iain Aonghais às a' Choilleag. Bha sianar anns an teaghlach - dithis nighean agus ceathrar bhalach. Bha an teaghlach a' frithealadh Paraiste Eaglais Moire agus Naomh Mairead ann a sgìre Kinning Park ann an Glaschu. Chaidh Mgr Dòmhnall gu Àrd-sgoil Naomh Gerard ann am Baile Ghobhainn. Na òige dh'ionnsaich e pìobaireachd agus bha e a' faighinn teagasg bho Jimmy Reid, brà thair Maidsear na Pìoba Raibeart Reid, agus bha e cuideachd na bhall de Chòmhlan Pìoba Naomh Prainnseas ann an sgìre na Gorbals.
Ann an 1963 chur e iarratas gu Sgìr-Easbaig Earra Ghà idheil 's nan Eilean agus gu Àrd Sgìr-easbaig Ghlaschu airson ionnsachadh a bhith na shagart ach cha deach cùisean leis. An ath bhliadhna chuir e iarratas gu òrdan na White Fathers ann an Southampton agus bha e soirbheachail dhan turas sin. Thairis air an ath dheich bliadhna bha e a' frithealadh cholaistean eadar Èirinn agus an Fhraing ag ionnsachadh na sagartachd. Gu mi-fhortanach bhà saich a mhà thair aithghearr ann an 1973, trì bliadhna mus tà inig e a-mach na shagart san Iuchar 1976.
Thairis air bliadhnaichean a shagartachd tha e air a bhith ùine ghoirid a' frithealadh pharaistean ann an Sgìr-easbaig Earra-Ghaidheal 's nan Eilean, ach tha e air a' chuid as motha dha ùine a chuir seachad ann an à iteachan leithid Tanzania, Nairobi agus anns an Ròimh. Bha e mu dheireadh stèidhichte aig òrdan na White Fathers ann an Glaschu.
Last on
Broadcasts
- Sun 12 Jan 2014 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 12 Jan 2014 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 13 Jul 2014 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 13 Jul 2014 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 14 May 2017 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 26 Jul 2020 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 16 Apr 2023 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal