Rev John A Robertson, Toronto Free Church
Seirbheis à tasglann a' BhBC bho 1993 còmhla ris an Urr Iain A Robasdan, Eaglais Shaor Thoronto. Archive service from 1993 conducted by Rev John A Robertson, Toronto Free Church.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus leughadh a leanas:
Salm 24, 7-8 air fonn Bedford, os cionn na seinn Aonghas MacLeòid le taic bho choitheanal Àrd-Eaglais Steòrnabhaigh
Salm 46, 1-2 air fonn Stroudwater, os cionn na seinn bha Dòmhnall MacLeòid le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire
Salm 122, 7-9 air fonn Stroudwater, os cionn na seinn bha Aonghas Dòmhnallach le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire
Leughadh: Eòin 20: 19-31
Ceann-teagaisg: Eòin 20:19
Rugadh an t-Urr Iain Gilleasbuig MacDhonnchaidh anns an Fhaoilinn an ceann a deas an Eilein Sgiathanaich. Bha naoinear san teaghlach aige, sianar nighean agus triùir bhalach. 'S e miseanaraidh a bha na athar agus bha an teaghlach san Fhaoilinn son grunn bhliadhnaichean gus an d'fhuair an athar fios a dhol a Chille Mhoire far an robh e airson dà bhliadhna. Ghluais iad an uairsin a Thruimisgearraidh an Uidhist a Tuath. Gu mi-fhortanach fhads a bha an teaghlach a sin bhà saich am mathar a' fà gail naoinear chloinne. An ceann dà bhliadhna phòs an athar a-rithist, boireannach air an robh an teaghlach gu math eòlach agus dèidheil. Ghluais an teaghlach an uairsin a dh'Ùige an Eilein Sgiathanaich.
Chaidh Iain Gilleasbuig a dh'Àrd-Sgoil Phort Rìgh. Às dèidh an sgoil fhà gail bha an cogadh air briseadh a-mach agus chaidh e dhan chogadh. Cha robh athar toilichte idir gun deach e ann, ach cha ro roghainn eile aig fireannich òg aig an à m.
Fhuair Mgr MacDhonnchaidh tòrr ionnsachaidh thairis air na bliadhnaichean a bha e anns a' chogadh agus bha buaidh mhòr aige seo air an co-dhunadh a rinn e a dhol a-staigh airson na ministrealachd.
Chaidh Mgr MacDhonnchaidh dhan oilthigh far an do rinn e ceum ann an diadhachd. Thòisich e air searmonachadh ann an Dùn Èideann. Chaidh an uairsin a ghluasad gu Inbhir Ùige. Phòs e a bhean, Fay, agus bha teaghlach aca. Chuir e seachad ùine na mhinistear ann am Ceann Fhà il agus às an sin a dh'Obar Dheathain. Fhuair e fios an uairsin a dhol a-null a dh'Ameireagaidh, far an do chur e seachad an samhradh. Rà inig e Pittsburgh agus fhuair e fios tilleadh a dh'Obar Dheathain far an robh am fiabhras breac air briseadh a-mach.
Ann an 1967 ghluais an teaghlach air fad a Chanada, gu Toronto, far an robh e a' faicinn obair mhòr roimhe daoine a' thaladh dhan eaglais. Bha e a' teagasg sa Cholaiste Chriosdail an sin airson trì bliadhna deug agus anns an ùine sin thadhail e air Korea sia tursan. Ged a rinn e a dhachaigh an Canada bhiodh e a' tilleadh a dh'Alba cho tric sa b'urrainn dha. Chaochail an t-Urramach MacDhonnchaidh san t-Samhain 2011 aig aois 86.
Last on
More episodes
Broadcast
- Sun 5 Jan 2014 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal