11/08/2013
Seirbheis bho 1993 còmhla ris an Oll Urr Tormod MacÌomhair, Eaglais na h-Alba, Newhills, Obar Dheathain. Archive service conducted by Rev Dr Norman MacIver, Newhills COS from 1993.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 145, rannan 1-2 air fonn Evan, os cionn na seinn tha Fionnlagh MacRisnidh le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Crow Road ann an Glaschu
Salm 34, rannan 17-18 air fonn Torwood, os cionn na seinn tha Aonghas Moireasdan le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Loch nam Madadh
Salm 24, rannan 7-8 air fonn Bedford, os cionn na seinn tha Aonghas MacLeòid le taic bho choitheanal Àrd-Eaglais Steòrnabhaigh
Leughadh: Soisgeul Lùcais 2: 8-20
Rugadh Tormod MacÌomhair ann an Glaschu ann an 1941. Bhuineadh athair do sgìre Chà rlabhaigh agus a mhà thair do sgìre Leumrabhaigh. Bha triùir bhalach san teaghlach agus b' e Tormod a bu shine. Thòisich e anns an sgoil ann an Glaschu agus bha e fhèin agus Irene (a' bhean aige ) air an aona chlàs san aon sgoil. Ghluais an teaghlach a Leòdhas nuair a bha e sia bliadhna a dh'aois agus chaidh iad a dh'fhuireach a Chà rlabhagh far an robh athair a' dol a dh'obrachadh croit a theaghlaich. Bhà saich athair nuair a bha Tormod deich bliadhna agus ghluais a mhà thair san teaghlach air ais a Ghlaschu bliadhna an dèidh sin. Chaidh iad air ais a dh'fhuireach dhan aon taigh san robh iad roimhe sin agus a' frithealadh an aon eaglais agus sgoil.
Chaidh Mgr MacÌomhair gu Àrd-Sgoil Woodside airson foghlam aig à rd-ìre agus am measg nan cuspairean a bhathar a' teagasg san sgoil sin aig an à m bha a' Ghà idhlig. Fhad 's a bha e san sgoil fhuair e urram Caiptein na sgoile. Chaidh e an uairsin gu Oilthigh Ghlaschu airson ùine ghoirid agus an dèidh sin fhuair e cosnadh ann an gnìomhachas à rachais. Thug Irene a-mach à rd-dhreuchd na banaltram. Ann an 1963 phòs iad, bha ceathrar chlann-nighean aca agus cheumnaich e fhèin à Oilthigh Chaledonia ann an Glaschu.
Ann an 1970 chaidh Mgr MacÌomhair air ais dhan oilthigh agus e nise a' leantainn dreuchd na ministrealachd. Cheumnaich e le MA agus BD à Oilthigh Ghlaschu ann an 1976 agus thug e mach dreuchd ministear. Chaidh a phòsadh ri coitheanal Paraiste Newhills ann an Obar Dheathain ann an 1976 agus bha e a' frithealadh an aon choitheanal gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 2006.
Cho fad 's a bha e na mhinistear ann an Newhills bha e gu mòr a' sàs ann an obair ministrealachd aig ìre nà iseanta agus eadar-nà iseanta. Bhiodh e a' siubhail gu à iteachan fad às mar na Philippines, Thailand, Brazil, Hungary, Israel agus na Stà itean Aonaichte. Bha e na à rd-stiùiriche aig Eaglais na h-Alba ann a bhith taghadh dhaoine a bha freagarrach airson a dhol a-staigh airson na ministrealachd. Bha e cuideachd na bhall air iomadach comataidh eile, nam measg, Comhairle an Àrd-Sheanaidh far an robh e na neach-gairm air Comataidh a' Chonaltraidh agus Comataidh na Gà idhlig . Bha e cuideachd na Mhodarà tair air clèir Obar Dheathain ann an 1988. Cheumnaich Mgr MacÌomhair le Urram Dotaireachd bho Seminary Diadhachd Pittsburgh an co-phà irt ri Oilthigh Obar Dheathain ann an 2003. Tha e an-diugh na riaghladair air Colaiste Diadhachd na Gà idhealtachd agus air a' bhuidheann Forward Together.
Às dèidh dreuchd paraiste a leigeil seachad, chaidh Mgr MacÌomhair agus a bhean Irene air cuairt trì mìosan air feadh an t-saoghail. Bidh e fhathast a' searmonachadh ann am paraistean faisg air fhèin ann an sgìre Ghòrdain, agus bho chionn dà bhliadhna bha e ri chluinntinn a' searmonachadh ann an Nassau anns na Bahamas. Shearmonaich e cuideachd air bà taichean-cruise anns a' Charibbean agus chualas e a' seinn anns a' Ghà idhlig air na tursan aige.
Mar a thuirt e fhèin "Tha mi air mo bheannachadh. Tha mi slà n, fallain, tha bean ghrà dhach agam (leth-cheud bliadhna pòsta an-ath-bhliadhna) ceathrar chlann-nighean agus iad uile pòsta, agus dà ogha dheug à lainn - agus cuideachd fhathast air chothrom a bhith toirt seirbheis do Dhia".
Last on
Broadcast
- Sun 11 Aug 2013 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal