Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Coinneach MacLeòid Eaglais Shaor Bharabhais 2/2

2/2 Seirbheis còmhla ris an Urr Coinneach MacLeòid (nach maireann) Eaglais Shaor Bharabhais 1998. Gaelic archive service with the late Rev Kenneth MacLeod, Barvas Free Church 1998.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:

Salm 51: 9-10 air fonn Kilmarnock agus 's e an t-Urr Seumas MacÌomhair a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chille Bhrìde an Ear.

Salm 59: 16-17 air fonn Torwood agus 's e Ailean Guinne a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.

Salm 89: 15-16 air fonn Kilmarnock agus 's e Aonghas Dòmhnallach a tha os cionn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor a' Bhac

Leughadh: Sechariah 12: 1-14
Ceannn-teagaisg: Mata 5: 4

Rugadh Coinneach MacLeòid ann an sgìre Leumrabhaigh air na Lochan, far an robh athair, a bhuineadh do sgìre Bharabhais, na mhiseanaraidh. Ghluais an teaghlach bho na Lochan dhan Rubha.

Dh'fhàg Coinneach an sgoil aig aois sia bliadhna deug agus chaidh e a dh'ionnsachadh obair saorsainneachd. Aig an àm sin bha aige cuideachd ri Seirbheis Nàiseanta a dhèanamh agus rinn e sin sa Chabhlach Mharsantach, agus dh'fhàg sin e a' dèanamh seachd bliadhna an àite a dhà aig muir. Anns an ùine sin aig muir shiubhail e timcheall an t-saoghail, a' chuid is motha den ùine sin eadar Astràilia agus New Zealand. Chòrd Astràilia ris na b' fheàrr agus bha sin gu math follaiseach bliadhnaichean às dèidh sin.

Nuair a rinn e na seachd bliadhna chaidh e an uair sin a dh'obair gu Seirbheis nan Taighean Solais agus thòisich e air obair a dhèanamh airson deuchainnean a shuidhe a bheireadh gu ìre oifigeir e. Fhad 's a bha e dèanamh seo dh'fhairich e gun robh aige ri ceum eile a ghabhail na bheatha agus a dhol a-steach airson na ministrealachd. B' e sin a rinn e agus chaidh e a cholaiste Skerry ann an Glaschu airson e fhèin a dheasachadh airson a dhol tron oilthigh agus às dèidh sin chaidh e a dh'Oilthigh Obar Dheathain agus gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann.

Mus robh e deiseil dhan chùrsa aige, thàinig iarrtas thuige bho Chlèir taobh an Ear Astràilia a dhol na mhinistear air Eaglais Shaor Lios Mòr ann an NSW airson còig bliadhna. Chaidh e fhèin agus a bhean, Catrìona, agus an leanabh aca, Dòmhnall a-null aig an àm.
Nuair a bha na còig bliadhna aige an àirde, thill e fhèin Catrìona agus a-nise triùir a theaghlach air ais dhan dùthaich seo, far an robh e na mhinistear air coitheanal Bhaile Dhubhthaich airson ochd bliadhna. Bha leanabh eile aca nuair a bha iad ann am Baile Dhubhthaich.
Fhuair Mgr MacLeòid cuireadh tilleadh a dh'Astràilia gu coitheanal Chlann MhicIllEathain an ear-thuath na dùthcha far an robh e gus an d'fhuair e gairm bho choitheanal Bharabhais anns na 90an. Thàinig Mgr MacLeòid agus a theaghlach air ais a dh'Alba airson ceithir bliadhna agus anns an ùine sin bha e na mhodaràtor air Àrd-sheanadh na h-Eaglaise Saoire.

Thill Mgr MacLeòid 's a bhean agus triùir dhen teaghlach air ais a dh'Astràilia gu sgìre MhicIllEathain. Bhàsaich Mgr MacLeòid Dimàirt 02 den Chèitein aig aois 90.

30 minutes

Last on

Sun 14 May 2023 21:00

An t-Urr Coinneach MacLeòid

An t-Urr Coinneach MacLeòid

Broadcasts

  • Sun 4 Aug 2013 21:00
  • Sun 17 Jun 2018 21:00
  • Sun 22 Mar 2020 21:00
  • Sun 25 Sep 2022 21:00
  • Sun 14 May 2023 21:00