Tormod an t-Seòladair
Fionnlagh Maclèoid 's Murchadh Macleòid ag ùrachadh cuimhne air Tormod Moireasdan, Siabost. Remembering the life and legacy of Dr Norman Morrison, Shawbost. With Finlay Macleod.
Cha do chuir nach d'fhuair e ach mu dhà bhliadhna sa sgoil bacadh air Tormod Moireasdan bhon a' Ghearra Bhuidhe ann a Sià bost air taobh siar Leòdhais; s' ann a chanadh duine gun chuir e spionnadh ann na b'urrainn dha fhoghlamachadh dha fhèin às dèidh sin. Rugadh e ann a 1869 agus aig aois 19 chaidh e air a' phoileas an Glaschu, obair ris na lean e fad a bheath'-obrach agus anns na rinn e strì airson ceartas fhads a bha e ann, gach cuid dhan phoball agus dha na poilis fhèin. Tha e aithnichte mar fhear dhan fheadhainn a stèidhich Caidreachas Poilis Alba. Às dèidh dha e fhèin ionnsachadh sgrìobh e leabhraichean air eachdraidh ionadail, ainmh-eòlas, beul-aithris agus poilitigs. Fhuair e ceum bho Oilthigh Frangach airson trachdas a rinn e air an easgann agus sgrìobh e cuideachd leabhar air an nathair, an adder.
A thuilleadh air a sin, bhiodh e a' togail dheilbh le camera agus tha 'd an-diugh nan dìleab prìseil dhan choimearsnachd agus dhan dùthaich. Còmhla ris a' choimhearsnachd fhèin. tha Gailearaidhean Nà iseanta na h-Alba agus pròiseact Tasglann Comhairle nan Eilean Siar air ùidh a ghabhail anns na dealbhan. Chaidh na dealbhan a thoirt do Chomunn Eachdraidh an Taobh Siar mar thiodhlac le teaghlach an Dr Moireasdan agus thèid an sgrùdadh agus an taisbeanadh tro phròiseactan sa choimhearsnachd.
Last on
Broadcasts
- Wed 24 Jul 2013 13:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 24 Jul 2013 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 28 Jul 2013 10:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal