An t-Urr Calum MacIlleathain
1/2. Seirbheis à Eaglais Shaor Tholastaidh bho Thuath (1990) còmhla ris an Urr Calum MacIlleathain. Gaelic service from North Tolsta Free Church 1990, with the Rev Calum MacLean.
Tha leth-cheud bliadhna bhon a chlà r an t-Urr Calum MacIlleathain à Siabost a' chiad seirbheis Ghà idhlig aige airson radio.
Rugadh Mgr MacIlleathain ann an 1931 ann am baile Shiaboist. Fhuair e fhoghlam san sgoil ionadail gus an robh e ceithir bliadhna deug a dh'aois agus an uair sin chuir e seachad dà bhliadhna a' dèanamh a Sheirbheis Nà iseanta ann am Feachd an Adhair. Chaidh iompachadh sa bhliadhna 1952 's thog e fianais air taobh Chrìosd ann an 1953. Dà bhliadhna às dèidh sin dh' fhairich e gu robh Dia ga ghairm dhan mhinistrealachd 's thill e dhan foghlam a' dèanamh cùrsa an toiseach ann an Colaiste Sgeiridh an Dùn Èideann eadar 1957 agus 1959. Chaidh e às an sin a dh' Oilthigh Obar Dheathain mus deach e gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann ann an 1961. Chaidh a phòsadh ri coitheanal Loch Carrain ann an 1965 agus ann an 1973 ghabh e ri gairm bho choitheanal Tholastaidh bho Thuath, an eilean à raich, far an robh e gus na leig e dheth a dhreuchd ann an 1996. Tha Mgr Mac Ill Eathain pòsta 's tha triùir nighean aige.
Bhon a leig e dheth a dhreuchd tha Mgr MacIlleathain air ais a' fuireach ann am baile à raich ann an Siabost. Tha ùidh mhòr aige ann a bhith siubhail, agus bidh e fhèin sa bhean a falbh gu math tric - eadar a bhith tadhail air a' chlann-nighean aca san dùthaich seo, gu bhith gabhail là ithean-saora thall thairis. Nuair a bhios e aig an taigh bidh e trang anns a' ghà rradh a' fàs lusan agus tha e gu math moiteil as a chuid obrach.
Last on
Broadcast
- Sun 23 Jun 2013 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal