Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Coinneach D MacLeòid, Eaglais na h-Alba Inbhir Ghòrdain

Còmhla ris an Urr Coinneach D MacLeòid, Eaglais na h-Alba Inbhir Ghòrdain. Gaelic religious service conducted by Rev KD MacLeod, Church of Scotland, Invergordon.

Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 68, dà rann bhon ochdamh rann deug air fonn St David, os cionn na seinn an t-Urr Coinneach Fearghasdan le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Naomh Chaluim Chille ann an Dùn Èideann.
Salm 89, 15-16 air fonn Kilmarnock, os cionn na seinn bha Aonghas Dòmhnallach le taic bho choitheanal Eaglais Shaor a' Bhac ann an Leòdhas.
Agus an laoidh 'Dùisg, Anam, Dùisg' air a sheinn le Cairistiona Sheathach agus air a sgrìobhadh le Murchadh MacLeòid neo Murchadh a' Cheistear.
Leughadh; Gnìomharan nan Abstoil 16: 9-15
Ceann-teagaisg: Gnìomharan nan Abstoil 16: 9-15

Tha Mgr MacLeòid na mhinistear ann an Eaglais na h-Alba ann an Inbhir Ghòrdain far a bheil e a' fuireach còmhla ri Kathleen, a bhean, agus an triùir chloinne, Daibhidh, Màiri is Rut. Bha e roimhe sin na mhinistear ann an sgìre Bheàrnaraigh ann an Leòdhas son deich bliadhna. 'S e Beàrnaraigh a' chiad pharaiste a bh 'aige às dèidh dha thighinn a-mach na mhinistear. 'S ann do sgìre Shiadair air taobh siar Eilean Leòdhais a bhuineas Mgr MacLeòid. Dh' fhàg e sgoil aig 15 agus chaidh e a dh'obair ann am bùth an teaghlaich anns a' bhaile. Bha an teaghlach a' ruith bùth agus oifis puist ann an Siadar agus a' siubhal le bhan timcheall bailtean an taobh siar eadar Gabhsann is Barabhas. Chaidh an gnìomhachas a reic agus chaidh Mgr MacLeòid air ais dhan sgoil. Bha e ann an Sgoil MhicNeacail agus às an sin chaidh e a dh' Oilthigh Ghlaschu gus an tàinig e mach na mhinistear. Nuair a bhios ùine aige dha fhèin ( chan ann tric a bhios ) bidh e dol a-mach leis a' chamara. Is toigh leis a bhith togail dhealbh, a' coiseachd leis a' chù agus a' dol mun cuairt air a' bhaidhsagal aige a' tadhail air muinntir na paraiste. Bho àm gu àm, bidh Mgr MacLeòid a' gabhail na seirbheis Ghàidhlig a thathar a' cumail ann an Ionad Choimhearsnachd Inbhir Pheofharain uair sa mhìos.

30 minutes

Last on

Sun 8 Sep 2013 15:00

Broadcasts

  • Sun 23 Jun 2013 09:00
  • Sun 23 Jun 2013 15:00
  • Sun 8 Sep 2013 09:00
  • Sun 8 Sep 2013 15:00