![](https://ichef.bbci.co.uk/images/ic/640x360/p01l9fch.jpg)
Crohn's
Moira NicIllEathain a' mìneachadh tinneas Crohn's le dotair 's cuid air a robh 's air a bheil e. Moira Maclean examines Crohn's disease with a GP and some having the condition.
Anns an t-sreath ghoirid tha seo, tha Moira NicIllEathain a' togail air aon tinneas anns gach prògram agus a' toirt sùil mhionaideach air le eòlaichean agus le feadhainn air a bheil neo air a robh an tinneas.
An-diugh tha Moira a' coimhead ri tinneas Crohn's. Tha i a' bruidhinn ri triùir: Coinneach MacNeacail agus Donnchadh Dòmhnallach air a bheil an tinneas agus Chrisma NicDhòmhnaill a tha air leigheas ùr fhaighinn. Tha sinn a' cluinntinn mar a mhothaich iad an toiseach gu robh rudeigin ceà rr, mar a bha agus a tha an tinneas dham bualadh thairis nam bliadhna agus mar a tha iad dha là imhseachadh bho là gu là . Tha an Dotair Iain Mac a' Ghobhainn air a bhith na dhotair-teaghlaich fad dà fhichead bliadhna agus tha e a' mìneachadh dè a th' ann an tinneas Crohn's agus dè an cuideachadh a th' ann air a shon. Tha Chrisma air stem-cell transplant fhaighinn, leigheas a tha an ìre mhath ùr, aig a bheil cunnartan na chois agus nach eil mòran dhaoine air fhaighinn, agus tha i ag innse mar a dh'obraich e dhi.
Last on
Clip
-
An tinneas Crohn's
Duration: 04:48
Credit
Role | Contributor |
---|---|
Producer | Aisling Heraughty |
Broadcasts
- Wed 24 Apr 2013 13:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 24 Apr 2013 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 28 Apr 2013 10:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 12 Nov 2013 13:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 12 Nov 2013 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 17 Nov 2013 10:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal