Moira NicIllEathain a' coimhead ri tinneas MS le dotair agus feadhainn air a bheil e. Moira Maclean explores MS with a GP and those who have the condition.
Anns an t-sreath ghoirid tha seo, tha Moira NicIllEathain a' togail air aon tinneas anns gach prògram agus a' toirt sùil mhionaideach air le eòlaichean agus le feadhainn air a bheil neo air a robh an tinneas.
An-diugh tha Moira a' coimhead ri tinneas MS, Multiple Sclerosis. Tha i a' bruidhinn ri triùir: Iain Dòmhnallach, Flora NicMhathainn agus Mà iri Nic a' Ghobhainn air a bheil an tinneas. Tha sinn a' cluinntinn mar a mhothaich iad an toiseach gu robh rudeigin ceà rr, mar a tha an tinneas dham bualadh thairis nam bliadhna agus mar a tha iad dha là imhseachadh bho là gu là . Tha an Dotair Iain Mac a' Ghobhainn air a bhith na dhotair-teaghlaich fad dà fhichead bliadhna agus tha e a' mìneachadh dè a th' ann an tinneas MS agus dè an cuideachadh a th' ann air a shon. Tha sinn cuideachd a' cluinntinn bho bhanaltram MS, Rachel Mhoireasdan, a tha stèidhichte sna h-Eileanan an Iar agus i a' mìneachadh na tha an luib na h-obrach.
Last on
Clip
-
MS
Duration: 05:22
Credit
Role | Contributor |
---|---|
Producer | Aisling Heraughty |
Broadcasts
- Wed 1 May 2013 13:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 1 May 2013 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 5 May 2013 10:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 19 Nov 2013 13:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 19 Nov 2013 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 24 Nov 2013 10:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal