Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ris an Urr Seumas MacIomhair, Eaglais Shaor a' Chnuic san Rubha ann an Leòdhas. Gaelic religious service conducted by Rev James MacIver, Knock Free Church, Point, Lewis.

Ann an Dèanamaid Adhradh air an t-seachdain seo còmhla ris an Urramach Seumas MacÌomhair, ministear Eaglais Shaor a' Chnuic san Rubha, cluinnidh sibh na sailm is leughadh a leanas:
Salm 104: 31-33, air fonn Coleshill, os cionn na seinn Iain H MacLeòid le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba an Ùige, Leòdhas.
Salm 103: 11-13 air fonn Moravia, os cionn na seinn an t-Urr Niall Seathach le taic bho Eaglais Shaor nam Manach Liath an Inbhirnis.
Salm 65: 4-5 air fonn Kilmarnock, os cionn na seinn Dòmhnall MacLeòid le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Steòrnabhaigh .
Leughadh: 1 Timòteus 1: 12-20
Ceann-teagaisg: 1 Timòteus 1: 15
'S ann do sgìre Thunga ann an Leòdhas a bhuineas Mgr MacÌomhair agus tha e air a bhith na mhinistear ann an Eaglais Shaor a' Chnuic son còrr air deich bliadhna. Bha e roimhe ann an Eaglais Shaor Chille Bhrìghde an Ear ann an Glaschu. Bhon bhliadhna 2000 tha e air a bhith na phrìomh neach-clèireach do dh'Àrd-Sheanadh na h-Eaglaise Saoire. Bha Maghstir MacÌomhair na mhoderator air Àrd Sheanadh na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann ann an 2011.
Chaidh Mgr MacÌomhair na òige gu bun-sgoil Thunga agus às an sin gu Sgoil MhicNeacail, Oilthigh Ghlaschu, Oilthigh Lunnainn agus Colaiste na h-Eaglaise Saoire.
Tha e pòsta aig Donna agus tha triùir a theaghlach aca agus sianar oghaichean. Nuair a gheibh e ùine dha fhèin bidh e ag èisteachd ri ceòl clasaigeach, a' cluich golf agus a' leughadh.

30 minutes

Last on

Sun 20 Jan 2013 15:00

Broadcasts

  • Sun 20 Jan 2013 09:00
  • Sun 20 Jan 2013 15:00