Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ris an Urr Murchadh Ailig MacLeòid

2/2. Seirbheis à tasglann a' BhBC còmhla ris an Urr Murchadh Ailig MacLeòid, Eaglais Shaor Steòrnabhaigh. Gaelic archive service conducted by the late Rev Murdo A MacLeod 1990.

Anns an t-seirbheis còmhla ris an Urr Murchadh A MacLeòid cluinnidh sibh na sailm is an leughadh a leanas:
Salm 91, r1-3 air fonn Kilmarnock, os cionn na seinn bha Coinneach M MacLeòid
Salm 94, r17-19 air fonn Torwood, os cionn na seinn bha Fionnlagh Dòmhnallach, chaidh an t-seinn a chlàradh ann an Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh
Leughadh: Ecsodus 33: 11-23
Ceann-teagaisg: Ecsodus 33: 15

Rugadh Mgr MacLeòid ann an Nis ann an 1935 far an robh athar, an t-Urr Alasdair MacLeòid, na mhinistear aig an àm.

Chaidh Mgr MacLeòid gu Oilthigh Obar Dheathain agus às an sin gu Colaiste na Diadhachd aig an Eaglais Shaor ann an Dùn Èideann. Chaidh a phòsadh ris a' chiad choitheanal aige ann an 1966 ann an sgìre Drumchapel ann an Glaschu. Aig toiseach nan seachdadan ghluais e gu sgìre Inbhir Pheofharain agus às an sin gu Eaglais nam Manach Liath ann an Inbhir Nis. Ann an 1984 chaidh a ghairm air ais gu dhùthaich fhèin, gu bhith na mhinistear air coitheanal Eaglais Shaor Steòrnabhaigh agus bha e na Mhodaràtair air an àrd-sheanadh ann an 1995, a' bhliadhna a bhàsaich e .

Bha ùidh mhòr mhòr aig Mgr MacLeòid ann am ball-coise na òige agus a rèir choltais na dheagh chluicheadair nuair a bha e na bhall de sgioba ball-coise Sgoil MhicNeacail. Bha nàdar spòrsail aige cuideachd agus bha e ainmeil airson a bhith toirt a' char às a charaidean agus luchd-eòlais.

Bha e na shearmonaiche air leth anns a' Ghàidhlig agus a' Bheurla. Bha e mothachail air na h-atharrachaidhean a bha gabhail àite taobh a-staigh na h-eaglaisean ann an Alba agus anns an eilean aige fhèin agus bha dòigh air leth aige ann a bhith dèiligeadh ri cùisean nuair a dh'fhàsadh an suidheachadh doirbh.

Cho fad 's a bha e na mhinistear ann an Steòrnabhagh, ghabh e sùim mhòr anns an òigridh agus rinn e atharrachaidhean anns an obair a bha an eaglais a' dèanamh nam measg. Ri linn seo chaidh toiseach tòiseachaidh a dhèanamh air talla eaglais a thogail. Tha an talla sin ann an-diugh agus air ainmeachadh mar chuimhneachan air fhèin.

Bhàsaich Mgr MacLeòid san Dàmhair 1995, a' fàgail bean agus sianar theaghlach.

30 minutes

Last on

Sun 29 Jul 2018 21:00

Broadcasts

  • Sun 13 Jan 2013 21:00
  • Sun 29 Jul 2018 21:00