Cladach, creagach agus clachaireachd ann an Dail bho Dheas
'S e cladach, creagach agus clachaireachd a th' air aire an sgrìobhaiche Tormod Caimbeul. Following writer Norman Campbell as he walks his beloved coastline of South Dell.
Rugadh agus thogadh an sgrìobhadair, an neach-teagaisg agus an fhìor Niseach, Tormod Caimbeul, Tormod a' Bhocsair ann an Dail bho Dheas, Leòdhas. Sgrìobh e grunn leabhraichean do dh' inbhich leithid Deireadh an Fhoghair, An Druim bho Thuath, Shrapnel agus An Naidheachd bhon Taigh. Do chloinn bha Uilleam Ban agus an Iolaire, A' Chailleach Chrubach, Dòmhnall mac Dhòmhnaill mac Dhòmhnaill, agus Cathal Garg is a Hearach. Chruinnich e cuideachd rannan do chloinn agus chà ich anns a' leabhar à lainn Air do Bhonnagan a Ghaoil agus dh'eadar-theangaich e samhail Tè Bheag a' Ghruffalo is leabhraichean Katie Morag do chloinn.
Nuair a bha Tormod 70 bliadhna san Dà mhair 2012, dh' iarr sin air Maureen NicLeòid, a rugadh 's a thogadh san aon bhaile ris, cuairt a ghabhail le Tormod an Dail bho Dheas agus ann an Dùn Èideann far a robh e na oileanach agus a' cosnadh. Anns an t-sreath phrògraman a tha seo cluinnidh sinn mu na thug buaidh air Tormod. Ann a Nis 's iad muinntir a' bhaile ann an Dail bho Dheas, cruth na tìre, agus a' Ghà idhlig bu mhotha a thug cumadh air fhèin agus air a sgrìobhadh.
Bhà saich Tormod sa Chèitean 2015 aig aois 72. Chaidh an cruinneachadh mu dheireadh de na sgeulachdan goirid aige, Sgeulachdan sa Chiaradh, fhoillseachadh le Acair san Dà mhair.
Last on
Broadcasts
- Wed 3 Oct 2012 13:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 3 Oct 2012 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 7 Oct 2012 10:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 12 Jan 2016 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 12 Jan 2016 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 17 Jan 2016 10:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal