Main content
Sorry, this episode is not currently available

Cuairt tro Dhail bho Dheas le Tormod Caimbeul

Episode 1 of 8

Cuairt tro Dhail bho Dheas, baile àraich agus còmhnaidh an sgrìobhaiche Tormod Caimbeul. The writer Norman Campbell tells how his home village of South Dell inspires his work.

Rugadh agus thogadh an sgrìobhadair, an neach-teagaisg agus an fhìor Niseach, Tormod Caimbeul, Tormod a' Bhocsair ann an Dail bho Dheas, Leòdhas. Sgrìobh e grunn leabhraichean do dh' inbhich leithid Deireadh an Fhoghair, An Druim bho Thuath, Shrapnel agus An Naidheachd bhon Taigh. Do chloinn bha Uilleam Ban agus an Iolaire, A' Chailleach Chrubach, Dòmhnall mac Dhòmhnaill mac Dhòmhnaill, agus Cathal Garg is a Hearach. Chruinnich e cuideachd rannan do chloinn agus chàich anns a' leabhar àlainn Air do Bhonnagan a Ghaoil agus dh'eadar-theangaich e samhail Tè Bheag a' Ghruffalo is leabhraichean Katie Morag do chloinn.

Nuair a bha Tormod 70 bliadhna san Dàmhair 2012, dh' iarr sin air Maureen NicLeòid, a rugadh 's a thogadh san aon bhaile ris, cuairt a ghabhail le Tormod an Dail bho Dheas agus ann an Dùn Èideann far a robh e na oileanach agus a' cosnadh. Anns an t-sreath phrògraman a tha seo cluinnidh sinn mu na thug buaidh air Tormod. Ann a Nis 's iad muinntir a' bhaile ann an Dail bho Dheas, cruth na tìre, agus a' Ghàidhlig bu mhotha a thug cumadh air fhèin agus air a sgrìobhadh.

Bhàsaich Tormod sa Chèitean 2015 aig aois 72. Chaidh an cruinneachadh mu dheireadh de na sgeulachdan goirid aige, Sgeulachdan sa Chiaradh, fhoillseachadh le Acair san Dàmhair.

30 minutes

Last on

Sun 10 Jan 2016 10:02

Broadcasts

  • Tue 2 Oct 2012 13:30
  • Tue 2 Oct 2012 22:00
  • Sun 7 Oct 2012 09:30
  • Tue 5 Jan 2016 12:00
  • Tue 5 Jan 2016 22:00
  • Sun 10 Jan 2016 10:02