Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 1

Episode 1 of 7

A' lorg iolairean sna Hearadh agus a' cuideachadh mucan-mara a thig gu tìr an Uibhist. We go eagle-spotting in Harris and learn how to help stranded whales in South Uist.

Anns a' chiad phrògram san t-sreath, A-Muigh, tha Fiona NicIllinnein anns na Hearadh a' gabhail aon dha na cuairtean a tha Urras Ceann a Tuath Na Hearadh a' cur air dòigh tron t-samhradh airson fiosrachadh a thoirt do dhaoine mun àrainneachd timcheall orra. Còmhla rithe tha Calum MacAoidh, fear-cathrach an Urrais, aig am bheil eòlas farsainn air a' sgìre, agus Robin Reid, maor-dùthcha an Urrais, a tha a' stiuireadh na buidhne air a' chuairt. Tha ùidh shonraichte aig Robin ann an iolairean agus tha an t-uahhas fiosrachaidh aige mun deidhinn.

'Se na Hearadh aon dha na h-àiteachan as fheàrr anns a' rioghachd airson iolairean fhaicinn. Tha a' mhointeach lom, gann do dhaoine, agus gu math freagarrach dhaibh, le na beanntan a' toirt dhaibh spiris airson sealg bho gu h-àrd. Tha sinn a' faighinn a-mach cuideachd mu dheidhinn dòigh a th'aca air cumail lorg air na h-àiteachan far am bidh aon dha na h-iolairean a' tadhal.

Bho chionn ghoirid ann an Uibhist tha mucan-mara air a bhith a' nochdadh faisg air tìr. Chaidh cùrsa a chumail ann an Talla an Iochdar leis am BDMLR, neo British Divers Marine Life Rescue, airson gum biodh fios aig daoine dè dheanadh iad nan tigeadh beathach mar seo gu tìr. Bha iad cuideachd a' toirt seachad comhairle air ròin, a tha tòrr nas lugha, ach an deidh sin, feumach air an laimhseachadh anns an dòigh ceart. Fhuair Niall Caimbeul dha neo thrì fhacail air Eoina Rodgers agus Marina NicLeòid a bha air a' chùrsa.

Release date: