Main content
Sorry, this episode is not currently available

16/12/2011

Taic ann a bhith ag ionnsachadh mu cheòl sa bhun-sgoil: mar as urrainn diofar fhuaimean aithneachadh. Schools programme to support music teaching in primary schools.

Thairis air an t-sreath, tha Ceit agus Ruairidh a' cuir ceòl agus òrain ri filmichean stèidhichte air sgeulachdan o bheul-aithris.

Anns a' phrògram seo tha sinn ag ionnsachadh mar as urrainn nam fuaimean a nì diofar ionnstramaidean aithneachadh. Tha sinn cuideachd a' cluinntinn an dàrna pàirt dhen sgeulachd mu na saighdearan a theich bhon ghearastan aca anns na h-Innsean 's a' faighinn a-mach dè mar a tha dol dhaibh.

Tha na prògraman seo air an cruthachadh gus taic a thoirt do dh'obair ann an ceòl aig a' chiad 's an dàrna ìre den Churraicealam airson Sàr-mhathais. Tro a bhith ag èisteachd 's ag obair le na prògraman, bheir iad cothrom dhan chloinn: an guthan a chleachdadh, tuigse fhaighinn air bunaitean a' chiùil, èisteachd le tuigse ri ceòl, còmhradh mu cheòl agus eòlas a chuir air faclan co-cheangailte ri ceòl. Tha notaichean tidseir rim faighinn aig bbc.co.uk/foghlam.

20 minutes

Last on

Sun 18 Dec 2011 14:30

Broadcasts

  • Fri 16 Dec 2011 11:30
  • Sat 17 Dec 2011 10:30
  • Sun 18 Dec 2011 14:30