Tìr a' Chiùil
Taic ann a bhith ag ionnsachadh mu cheòl sa bhun-sgoil: mar a tha cuid a dh'fhuaimean eadar-dhealaichte bho chèile. Schools programme to support music teaching in primary schools.
Thairis air an t-sreath, tha Ceit agus Ruairidh a' cuir ceòl agus òrain ri filmichean stèidhichte air sgeulachdan o bheul-aithris.
Anns a' phrògram seo tha sinn ag ionnsachadh mar as urrainn ceòl diofar fhaireachdainnean a dhùsgadh unnainn, agus na diofar adhbharan airson seo. Tha sinn a' cluinntinn sgeulachd mu shaighdearan a theich bhon ghearastan aca anns na h-Innsean agus a' faighinn a-mach mar a chaidh dhaibh.
Tha na prògraman seo air an cruthachadh gus taic a thoirt do dh'obair ann an ceòl aig a' chiad 's an dà rna ìre den Churraicealam airson Sà r-mhathais. Tro a bhith ag èisteachd 's ag obair le na prògraman, bheir iad cothrom dhan chloinn: an guthan a chleachdadh, tuigse fhaighinn air bunaitean a' chiùil, èisteachd le tuigse ri ceòl, còmhradh mu cheòl agus eòlas a chuir air faclan co-cheangailte ri ceòl. Tha notaichean tidseir rim faighinn aig bbc.co.uk/foghlam.
Last on
Broadcasts
- Fri 9 Dec 2011 11:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sat 10 Dec 2011 10:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 11 Dec 2011 14:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal