Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 11

Episode 11 of 11

Tha Fionnlagh Macleòid a' cur crìoch air a chuairt tro sgìre a bhreith agus àraich. Finlay Macleod ends his journey to his birthplace in Ness, Isle of Lewis.

Ann a 2002 thill Fionnlagh Macleòid gu sgìre a bhreith agus àraich, sgìre mhòr Nis ann an ceann a tuath Leòdhais, airson sreath phrògraman a dhèanamh. Thadhail e air na bailtean eadar Rubha Robhanais agus Dail bho Dheas.

Tha an t-sreath phrògraman a' tighinn gu ceann a seo agus Fionnlagh a' stad aig muilleann Dhail agus e ag innse mu na muilnean eile timcheall. Thug fear as a' sgìre, Aonghas Gunna, rannan do dh' Aladsair MacIlleMhicheil nuair a bha e a' cruinneachadh airson Carmina Gadelica agus tha Fionnlagh dhan aithris agus ag innse mun cheangal a bh' aig Aonghas Gunna ri Rònaigh. Gheibh sinn a-mach bhuaidhe cuideachd ciamar a bha balaich Iain Ghunna ag aithneachadh gu robh an talamh deiseil airson curachd.

Thachair Fionnlagh ris a' phost, Murchadh Moireasdan, agus dh'innis e dha beagan mu obair postaireachd agus mun obair a bhiodh e a' dèanamh aig an àm le na maor-chladaich.

Bha Murchadh 'an Gunna mac Dhòmhnaill Buidhe à Cros ainmeil airson rudan a bhiodh e ag ràdh agus tha Fionnlagh a' toirt dhuinn craiteachan dhiubh sin. Agus tha Màiri Nic a' Ghobhainn a' seinn dà òran a rinneadh do dh'fhear as a' sgìre air a robh Aonghas Buachaille. Tha e coltach gun chuir dithis bhoireannach sùil ann agus gun rinn an dithis òran dha!

27 minutes

Last on

Sun 20 Nov 2011 10:03

More episodes

Previous

Next

You are at the last episode

See all episodes from Mu chuairt Sgìre Nis

Broadcasts

  • Tue 15 Nov 2011 13:30
  • Tue 15 Nov 2011 22:00
  • Sun 20 Nov 2011 10:03