Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 10

Episode 10 of 11

'S ann anns na Dailean ann a sgìre Nis a tha Fionnlagh Macleòid. Finlay Macleod visits the villages of Dell in Ness, in this his penultimate programme in the series.

Ann a 2002 thill Fionnlagh Macleòid gu sgìre a bhreith agus àraich, sgìre mhòr Nis ann an ceann a tuath Leòdhais, airson sreath phrògraman a dhèanamh. Thadhail e air na bailtean eadar Rubha Robhanais agus Dail bho Dheas.

Ann an Àrd Dhail tha Fionnlagh ag innse mu sheann chlaidheamhan a chaidh a lorg a sin. Choinnich e cuideachd ri Dolaidh Greumach ( Dolaidh Thuathain ) agus bha an dithis aca cuimhneacadh air làithean an t-seòlaidh agus Dolaidh ag innse mu na h-atharraichidhean a chunnaic e fhèin an Dail bho Dheas bho èirigh suas. Tha e cuideachd a' faighinn facal air Willena Ghreumach agus Màiri Nic a' Ghobhainn mu Bhaile Glom. Cluinnidh sinn cuideachd an t-òran a rinn Seumas Moireach, Eilean Leòdhais ged 's Fhada Bhuam Thu agus bàrdachd a rinn an t-Urr Dòmhnall MacIlliosa do dh'Aonghas Caimbeul ( am Puilean ) nuair a dh'fhoillsich e an leabhar aig, Moll is Cruithneachd. Agus tha òran annasach eile aig Fionnlagh mu Lady Matheson agus Eilean Rònaigh.

27 minutes

Last on

Sun 13 Nov 2011 10:03

Broadcasts

  • Tue 8 Nov 2011 13:30
  • Tue 8 Nov 2011 22:00
  • Sun 13 Nov 2011 10:03