Main content
This programme is not currently available

Eòin Loch Stiapabhat

Fiona NicIllinnein ann an Nis le prosbaig còmhla ri dithis le sùil gheur airson eòin. Fiona Maclennan takes two keen birdwatchers to Ness to survey the wildfowl on Loch Stiàpabhat.

'S iomadh eun tha ri fhaicinn air Loch Stiàpabhat ann an Nis a Leòdhas. Tha Fiona NicIllinnein ann an cuideachd Tristan Ap Rheinallt agus Dòmhnall MacLeòid agus iad a' toirt suil a mach air an loch air madainn shocair, chiùin aig deireadh a' Cheitein 2011.

'S e Loch Stiapabhat an àite mu dheireadh far am faigh eòin a tha a' dèanamh imrich chun an Arctic air stad nuair a tha iad air an t-slighe gu tuath, agus a' chiad àite stad aca air an t-slighe air ais gu deas as t-fhoghar. A bharrachd air an fheadhainn sin, tha eòin a' fuireach air an loch fad na bliadhna. Tha biadh gu leòr air a loch airson na beathaichean a tha timicheall, leis gu bheil am mathas a th' anns na croitean os a cionn a' ruith innte.

Am measg na h-eòin a chunnaic iad bha: gille-brìghde, gobhlan-gaoithe, lach glas, curracag, uiseag, loiliseag, brù-gheal agus gu leòr eile!

30 minutes

Last on

Sun 9 Aug 2020 09:30

Broadcasts

  • Wed 29 Jun 2011 13:30
  • Wed 29 Jun 2011 22:00
  • Sun 3 Jul 2011 10:30
  • Tue 29 May 2012 13:30
  • Tue 29 May 2012 22:00
  • Sun 3 Jun 2012 10:00
  • Sun 9 Aug 2020 09:30