Main content
This programme is not currently available

Cogadh Golz

A' bhuaidh mhaireannach a bh' aig bàs a nàmhaid air Aonghas Mac-a-phì aig àm an dàrna cogaidh. Angus MacPhee's remarkable story of truth and reconciliation.

As t-earrach 1945 bha an Gearmailteach Karl Heinz Golz air U-boat far chosta Èirinn.

San Eilean Sgitheanach, bha Aonghas Mac a’ Phì, seachd bliadhna deug, 's a cho-oghaichean, aig an taigh ann a Heàrrlois, a' falbh nan cladaichean a dh'fhaicinn dè a bheireadh a' làn thuca.

Aon là, le turchartas, thachair rud a cheangladh an dithis aca ri chèile agus a bheireadh buaidh mhaireannach air Aonghas.

Lorg e corp Karl Heinz Golz air a' chladach agus fad còrr air trì fichead bliadhna bha Aonghas airson an tuilleadh fhaighinn a-mach mun t-seòladair agus dèanamh cinnteach gu robh fios aig a theaghlach gu dè a thachair dha.

Thug e bliadhnaichean a' rannsachadh, ach le cuideachadh bho Horst Bredow, fear a chlàr na U-boats gu mionaideach agus bho Andreas Wolff, neachd-naidheachd Gearmailteach aig Â鶹Éç Radio nan Gàidheal, fhuair e a mhiann.

Seo an sgeulachd aca, mar a chaidh innse ann an 2010.

30 minutes

Last on

Sun 10 Nov 2024 10:00

Credit

Role Contributor
Producer Annella MacLeod

Broadcasts

  • Thu 11 Nov 2010 13:30
  • Thu 11 Nov 2010 22:00
  • Sun 14 Nov 2010 13:30
  • Wed 1 Oct 2014 13:30
  • Wed 1 Oct 2014 22:00
  • Sun 5 Oct 2014 10:30
  • Sun 10 Nov 2024 10:00