Main content

Seinneadair na Seachdain: Iain 'Costello' MacÃŒomhair

Is mise Iain MacÌomhair neo ‘Costello’ mar a dh’aithnicheas cuid mi. ’S ann à Leòdhas a tha mise ach tha mi air a bhith a’ fuireach ann an Eilean na Hearadh bho chionn grunn bhliadhnaichean. Mar sin, ’s dòcha gu bheil measgachadh dhen an dà bhlas air a’ chainnt agam.

’S e seinneadair agus ceòladair a th’ annam-sa. Thòisich mise ag ionnsachadh cluiche an giotàr nuair a chaidh mi a dh’Àrd-sgoil MhicNeacail aig aois dà bhliadhn’ dheug. Cha d’ fhuair mi cus taic anns an sgoil agus mar sin b’ fheudar dhomh fhìn oidhirp a dhèanamh air ionnsachadh bho bhith ag èisteachd ri clàran. ’S e ceòl dùthchail bu mhotha ris am bithinn ag èisteachd, samhail Hank Williams, Merle Haggard agus Johnny Cash, agus tha mi cinnteach gur e sin as motha thug buaidh air an seòrsa ceòl a tha mi cluiche ‘s a’ seinn chun an latha an-diugh. Bhiodh m’ athair a’ cluich a’ bhogsa agus bhiodh esan a’ toirt mòran taic dhomh anns na làithean tràth sin. Mar sin, fhuair mi eòlas air ceòl dannsa agus ceòl Gàidhlig. Thòisich mi cluiche ann an còmhlain-ciùil nuair a bha mi ceithir bliadhn’ deug - bha sin còrr air ceathrad sa còig bliadhna air ais. Bhiodh sinn a’ cluiche aig bainnsean agus dannsan anns na tallaichean air feadh Leòdhas agus na Hearadh.

Ann an seachdad sa còig, choinnich mi ris a’ bhan'-sheinneadair Noreen Mhàrtainn, nach maireann. Dh’fhàg mis’ an còmhlan anns an robh mi a’ cluich agus thòisich mi fhìn agus Noreen a’ seinn fon ainm Flair. ’S e covers de cheòl dùthchail a bhiodh sinn a’ cluiche agus òrain Gàidhlig no dhà nam measg. Nas fhaide air adhart air a’ bhliadhna sin, fhuair mi fhìn agus Noreen cothrom seinn aig consairt Naomh Anndra a bha am Â鶹Éç a’ craoladh beò à Inbhir Nis. Sin far an cuala an cleasaiche ainmeil, Tormod MacIllEathain sinn agus thug e dhuinn cuireadh a thighinn air a’ phrògram telebhisein aige, ‘Tormod air Telly’. Aig an àm sin, bha Tormod air an companaidh clàraidh ‘Shona Recordings’ a stèidheachadh le Iain Mac’Ille Mhìcheil, Ailean MacColla agus Fergie Dòmhnallach.

Thug iadsan dhuinn a’ chiad cùmhnant clàraidh agus cothrom a dhol air chuairt tron a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan. An dèidh dà chlàr le ‘Shona’, agus aon chlàr leis a’ chompanaidh Lewis Recordings, bha na làithean aig Flair seachad mar chòmhlan.

Ged a bha mise air beagan òrain a sgrìobhadh aig an àm sin, thill mi gu còmhlan-dannsa an dèidh do Flair a dhol ma sgaoil.

Ann an naochad sa trì, fhuair mi cothrom a dhol air sreath ùr de phrògraman ciùil a bha MnE TV a’ clàradh anns a’ Ghrand Old Opry ann an Glaschu. B’ e ainm an t-sreath sin, ‘Tuath Cheòl’. Chuir mi fhìn agus mo charaid, Iain Moireach, an còmhlan New Tradition ri chèile agus thòisich sinn a’ sgrìobhadh òrain ùr Gàidhlig le dreach ceòl dùthchail. Rinn sinn trì sreathan dhan a’ phrògram sin eadar naochad sa trì agus naochad sa seachd. Rinn sinn cuideachd clàr de chuid de na h-òrain a sheinn sinn air Tuath Cheòl agus bha sinn fortanach gun d’ fhuair sinn a’ house band a bh’ againn air a’ phrògram airson ceòl-taic a chumail rinn.

Bidh mi fhìn agus Iain a’ tighinn còmhla bho àm gu àm airson consairtean agus chuir sinn a-mach clàr ùr an-uiridh air a bheil ‘Hebridean Sky’. A thuilleadh air an dà chlàr aig New Tradition, tha mise air ceithir chlàr a dhèanamh leam fhèin le cuid mhòr de na h-òrain a sgrìobh mi fhìn.

Bidh daoine tric a’ faighneachd dhomh, ‘A bheil e doirbh òrain a sgrìobhadh?’. Ach airson an fhìrinn inns ’s e ceist dhuilich a tha sin a freagairt, oir cha bhi mise a' sgrìobhadh mura bi ceann-uidhe air a’ chuir romham mar chlàradh neo rèidio neo TBh. Feumaidh targaid a bhith agam neo cha sgrìobh mi facal.

Ged nach eil mi cho mòr an sàs ann a bhith a’ cluiche air àrd-ùrlar an-diugh, tha mi fhathast a’ dèanamh mo bheòshlaint ann an saoghal a’ chiùil, a’ teagasg ceòl Gàidhlig agus a’ stiùireadh chòisirean ann an sgoiltean Leòdhais agus na Hearadh. Tha mi cuideachd na mo stiùiriche air Còisir Bhan na Hearadh.

Tha e garbh duilich taghadh a dhèanamh air fear de na h-òrain agam fhìn, seadh, am fear as motha a tha còrdadh rium co-dhiù. Chan eil mi a’ coimhead air a’ cheòl agam fhìn mar sin idir. Mar as tric, ’s e an t-òran air a bheil mi ag obair aig an àm as motha a tha a’ còrdadh rium, ach seach gun deach a chur romham, feumaidh mi sin a dhèanamh.

Ann an dà mhìle sa trì, sgrìobh mi òran a’ moladh Eilean na Hearadh a’ toirt urram dhan an t-sluagh agus gu sònraichte dhan an òigridh còmhla ris an robh mi ag obair thairis nam bliadhnaichean. Tha an t-òran ag innse cho luachmhor ’s a tha an cultar a th’ aca, agus an càirdeas phrìseil a th’ aca le chèile. ’S e ainm an òrain, ‘Beartas Ghuthan’.

Tha mais’ is àilleachd an tìr mo ghràidh-sa
Na mullaich àirde fo sgàil de cheò
An cuan le gàire a’ tighinn gu tràigh ann
’S cha dèan mi fhàgail gu bràth gam dheòin.

O Baile Mhàraig gu Eilean Sgalpaigh
Bho Bhràigh Aird Asaig is deas dhan t-Òb
Cuir oirbh an fhèileadh is cruinn le chèile
Le beartas ghuthan gun tog sinn fonn.