Â鶹Éç

Â鶹Éç's Scottish radio stations deliver on news and culture, Trust review finds

Date: 20.09.2011     Last updated: 23.09.2014 at 09.50
The Â鶹Éç's radio stations for people in Scotland are distinctive and provide high quality and impartial news, the Â鶹Éç Trust has found.

Radio Scotland and Radio nan Gàidheal were reviewed as part of the Trust's review of all the Â鶹Éç's national radio stations in Scotland, Wales and Northern Ireland. It is the latest in the Trust's rolling programme which sees each Â鶹Éç service evaluated at least once every five years. The review included a public consultation, audience research and discussions with local licence fee payers led by the Trust's Audience Council for Scotland.

The findings include:

Ìý

  • Nine out of 10 listeners (90 per cent) say that Radio Scotland provides high quality and impartial news, a better understanding of Scottish news, and support for art and culture;
  • 91 per cent of Radio nan Gàidheal listeners say they would miss the station if it wasn't there; and
  • 94 per cent of listeners say that Radio Scotland represents value for money, and 93 per cent say that Radio nan Gàidheal represents value for money.

Ìý

Â鶹Éç Trustee for Scotland Bill Matthews said:

"Radio Scotland and Radio nan Gàidheal are highly valued by their listeners and provide something that listeners tell us they can't get elsewhere; their contribution to Scottish and Gaelic cultural life is also a real asset. We would like to see more people tuning in and we have asked the Â鶹Éç Executive to look at ways to raise awareness of both stations, and we welcome Radio nan Gàidheal's plans to work in partnership with others to support the Gaelic language."

Across the Â鶹Éç's radio stations in Scotland, Wales and Northern Ireland, the Trust has also recommended that there should be greater collaboration between the stations, including commissioning and talent development. The Trust has also recommended that a cross-nation benchmarking group should be established to better understand variations in production costs.

As part of this review, the Trust asked the Executive to develop their strategies for each of the radio stations for Scotland, Wales and Northern Ireland. The Trust recognises that these strategies may need to be adjusted to take into account the savings needed across the Â鶹Éç as a result of the licence fee settlement and the 'Delivering Quality First' process, however the priority for the Trust will be to ensure that the stations remain distinctive.

Notes to Editors

The Trust began its review of the radio stations in Scotland, Wales and Northern Ireland in October 2010 and included a 12 week consultation with licence fee payers. This was promoted on the services themselves and online. The consultation received around 1,500 responses from licence fee payers and industry stakeholders. The Trust also drew on a range of audience research, performance monitoring and financial analysis.

The Trust is committed to reviewing each Â鶹Éç service at least every five years. This is the ninth service review completed by the Trust.

Lorg ath-sgrùdadh an Urrais gu bheil stèiseanan rèidio Albannach a'BhBC a'coinneachadh inbhean lìbhrigidh ann an naidheachdan is cultar

Fhuair an t-Urras a-mach gu bheil stèiseanan rèidio a' BhBC ann an Alba sònraichte agus gu bheil iad a' tabhann naidheachdan àrd-inbheil agus cothromach.

Chaidh ath-sgrùdadh a dhèanamh air Radio Scotland agus Radio nan Gàidheal mar phàirt den ath-sgrùdadh a rinn an t-Urras air stèiseanan rèidio nàiseanta a' BhBC air fad ann an Alba, sa Chuimrigh agus ann an Èirinn a Tuath. Seo an sgrùdadh as ùire ann am prògram ruitheach an Urrais far a bheilear a' meas gach seirbheis aig a' BhBC aon uair ann an còig bliadhna aig a' char as lugha. Bha an sgrùdadh a' gabhail a-steach co-chomhairle phoblach, rannsachadh luchd-èisteachd agus còmhraidhean le luchd-pàigheadh chìsean bhon sgìre a bh' air a stiùireadh le Comhairle Luchd-amais an Urrais ann an Alba.

  • Tha na toraidhean a' gabhail a-steach na leanas:
  • Tha naoinear a-mach à 10 (90 sa cheud) ag ràdh gu bheil Radio Scotland a' tabhann naidheachdan àrd-inbheil is cothromach, tuigse nas fheàrr air naidheachdan Albannach, agus taic dha na h-ealain is dha cultar;
  • Tha 91 sa cheud de luchd-èisteachd Radio nan Gàidheal ag ràdh gun ionndrainneadh iad an stèisean mura biodh e ann; agus
  • Tha 94 sa cheud de luchd-èisteachd ag ràdh gu bheil Radio Scotland a' tabhann luach airgid, agus tha 93 sa cheud ag ràdh gu bheil Radio nan Gàidheal a' tabhann luach airgid.

Thuirt Bill Matthews, Urrasair a' BhBC ann an Alba:

"Tha luchd-èisteachd a' cur luach mhòr ann an Radio Scotland gus Radio nan Gàidheal agus tha iad ag ràdh gu bheil iad a' tabhann rudeigin nach fhaigh iad ann an àite sam bith eile; tha na tha iad a' cur ri beatha chultarach na h-Alba agus ri Gàidhlig cuideachd na dheagh mhaoin. Bu mhath leinn barrachd dhaoine fhaicinn ag èisteachd agus tha sinn air iarraidh air Buidheann-gnìomha a' BhBC sealltainn ri dòighean airson gach stèisean a thoirt gu aire dhaoine, agus tha sinn a' cur fàilte air planaichean Radio nan Gàidheal airson a bhith ag obair ann an com-pàirteachas le buidhnean eile gus taic a thoirt dhan Ghàidhlig."

Tro stèiseanan rèidio a' BhBC ann an Alba, sa Chuimrigh agus ann an Èirinn a Tuath, tha an t-Urras air moladh cuideachd gum bu chòir barrachd co-obrachaidh a bhith eadar na stèiseanan, a' gabhail a-steach cùmhnantachadh is leasachadh tàlaint. Tha an t-Urras cuideachd air moladh gum bu chòir buidheann measaidh tar-dùthcha a stèidheachadh gus tuigse nas fheàrr fhaighinn air diofar chosgaisean riochdachaidh.

Mar phàirt den sgrùdadh seo, dh'iarr an t-Urras air a' Bhuidhinn-gnìomha an ro-innleachdan airson gach stèisean rèidio ann an Alba, sa Chuimrigh agus ann an Èirinn a Tuath a leasachadh. Tha an t-Urras ag aithneachadh gur dòcha gum feum na ro-innleachdan sin atharrachadh gus gabhail a-steach nan sàbhalaidhean a dh'fheumar a dhèanamh thairis air a' BhBC mar thoradh air rèiteachadh na cìse ceadachaidh agus air modh-obrachaidh 'Delivering Quality First', ach bidh e na phrìomhachas dhan Urras dèanamh cinnteach gu bheil na stèiseanan a' fuireach sònraichte.

Notaichean Luchd-deasachaidh

Thòisich an t-Urras ag ath-sgrùdadh nan stèiseanan rèidio ann an Alba, sa Chuimrigh agus ann an Èirinn a Tuath san Dàmhair 2010 agus bha seo a' gabhail a-steach co-chomhairle 12 seachdain le luchd-pàigheadh chìsean. Chaidh seo a shanasachadh air na stèiseanan fhèin agus air-loidhne. Fhuair a' cho-chomhairle timcheall air 1,500 freagairt bho luchd-pàigheadh chìsean agus luchd-earrainne gnìomhachais. Tharraing an t-Urras fiosrachadh cuideachd bho raon de rannsachadh luchd-èisteachd, sgrùdadh coileanaidh agus mion-sgrùdadh ionmhasail.

Tha dleastanas air an Urras a bhith a' sgrùdadh gach seirbheis rèidio aig a' BhBC a h-uile còig bliadhna aig a' char as lugha. Seo an naoidheamh sgrùdadh seirbheise a rinn an t-Urras.

Read the review