Air ùrachadh: 24 Am Faoilleach 2017
Faodaidh tu seataidhean do bhrobhsair atharrachadh gus an innis e dhut cuin a tha cookies a’ tighinn ga dh’ionnsaigh. No faodaidh e cookies a dhiùltadh gu tur. Thoir sùil air an earrann Taic nad bhrobhsair airson an tuilleadh fiosrachaidh.
Faodaidh tu seataidhean do chookies 鶹 atharrachadh an seo. Agus tha an tuilleadh fiosrachaidh mu cookies san fharsaingeachd an seo.
Ciamar a tha brobhsairean lìn a’ tracadh m’ fhiosrachadh?
Tha iad a’ cleachdadh grunn innealan teicnigeach. Nam measg tha:
- Cookies
- Seòlaidhean IP
- Ath-threòraichean HTTP
- Cànan-sgrioptaidh tracaidh
- ÀԳ-岹
- Lorg-mheòir brobhsaidh.
Seatadh “Do not track” (DNT)
Tha seatadh DNT air cuid de bhrobhsairean. Tha seo a’ cur brath gu làraich-lìn ag iarraidh orra gun do bhrobhsadh a thracadh.
Chan eil sin ag obair le làraich-lìn a’ BhBC aig an àm seo. Ach faodaidh tu an-còmhnaidh do sheataidhean cookies 鶹 atharrachadh an seo.
Mar a sheachnas tu leusan-lìn agus teicneòlais tracaidh eile
Gu h-àbhaisteach, faodaidh tu an dèanamh neo-èifeachdach le cookies a chur dheth nad bhrobhsair. Tha cuideachd tuilleadan brobhsair agus leudachain ann a tha a’ bacadh leusan-lìn.
Airson leusan-lìn ann am puist-dealain a sheachnadh, faodaidh tu ìomhaighean a thionndadh dheth nad sheirbheis puist-dealain. Thoir sùil air an earrann Taic nad phost-dealain airson faighinn a-mach ciamar.
Tha an tuilleadh fiosrachaidh mu na teicneòlais tracaidh sin an seo.