Main content

Litir do Luchd-ionnsachaidh 1328

Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir àireamh 1328. Roddy Maclean reads this week's letter for Gàidhlig learners.

22 days left to listen

5 minutes

Last on

Last Sunday 13:55

Clip

Litir 1328: Ar-a-mach Bheàrnaraigh (2)

Bha mi ag innse dhuibh mun droch shuidheachadh ann am Beàrnaraigh Leòdhais o chionn ceud gu leth bliadhna. Thàinig triùir mhaor air tìr anns an eilean le pàipearan bàirlingidh – eviction notices – do na croitearan. Bha na croitearan feargach. Dhiùlt iad coinneachadh far an robh na maoir ag iarraidh coinneachadh riutha.

Chuir na croitearan às leth a’ mhaoir-fhearainn, Seumas MacRath, gun robh e eas-onarach oir bha e a’ feuchainn ris an cùmhnant a rinneadh a bhriseadh. Cha d’ fhuair iad èisteachd sam bith. Mar a tha am bàrd is sgoilear Beàrnarach, Dòmhnall MacAmhlaigh, ga chur, ‘Dhealaich an dà bhuidheann ri chèile glè mhì-riaraichte.’

Nuair a dh’fhalbh na h-oifigearan, bha e a’ fàs dorch. Lean òigridh anns an dorchadas iad. Thilg iad caoranan agus plocan orra. Mhaoidh an t-oifigear-siorraim – Cailean MacGillFhinnein – orra, ag ràdh nam biodh gunna air a bhith aige, gum biodh màthraichean ann am Beàrnaraigh a’ caoidh bàs am mac.

Chuir na h-oifigearan seachad an oidhche aig Tuath Thàcleit. Nuair a thill iad a bhruidhinn ris na croitearan sa mhadainn, mhaoidh MacGillFhinnein orra a-rithist gun cuireadh e a ghunna gu feum nan aghaidh. Mar a tha Dòmhnall MacAmhlaigh a’ sgrìobhadh, ‘Chuir seo am fuaim air feadh na fìdhle.’ 

Chan e a-mhàin na croitearan a bha feargach. Bha na h-iasgairean a’ »åè²¹²Ôamh deiseil gus falbh gu muir ach leig iad sin seachad. Bha buidheann mhòr a’ feitheamh ris na h-oifigearan nuair a ràinig iad an t-eathar aca air a’ chladach.

Bha triùir chroitearan a’ seasamh a-mach mar fhir-labhairt airson nan eileanach. B’ iad sin Aonghas Thormoid, Iain Chaluim agus Tormod Mhurchaidh. Bha tuasaid ann air a’ chladach ach cha robh fòirneart ceart ann.

Ceala-deug an dèidh seo, bha Aonghas Thormoid ann an Steòrnabhagh. Chunnaic Seumas MacRath e air thuiteamas. Chuir na poilis an grèim e oir b’ esan fear de na ‘reubaltaich Bheàrnarach’. Thàinig sluagh timcheall airson taic a thoirt dha agus chaidh Achd na h-Aimhreit a leughadh. 

Bha Aonghas air a leigeil mu sgaoil nuair a chualas gun robh buidheann mhòr à Sgìr’ Ùige a’ »åè²¹²Ôamh air Steòrnabhagh. Chaidh a’ bhuidheann a bhruidhinn ris an uachdaran, Sir Seumas MacMhathain, ann an Caisteal Leòdhais. Dh’aontaich esan a’ chùis a rannsachadh. Bha e a’ cumail a-mach nach robh fios aige dè bha a shiamarlan a’ »åè²¹²Ôamh às a leth.

Trì seachdainean an dèidh sin, chaidh Aonghas Thormoid, Iain Chaluim agus Tormod Mhurchaidh a ghairm gu cùirt ann an Steòrnabhagh. Bha iad fo chasaid gun tug iad ionnsaigh air oifigear an t-siorraim, Cailean MacGillFhinnein. 

Air an t-seachdamh latha dhen Iuchar, ochd ceud deug, seachdad ’s a ceithir (1874) bha a’ chùis-chùirt air a cumail ann an Steòrnabhagh. B’ e Teàrlach Innes, fear-lagh à Inbhir Nis, a bha a’ riochdachadh nan croitearan. Bha e fìor mhath. Agus fhuaireadh an triùir chroitearan neoichiontach.

An ath latha bha Cailean MacGillFhinnein air fhaighinn ciontach de chasaid gun tug e ionnsaigh air Aonghas Thormoid ann an Stèisean nam Poileas. Fhuair e càin luach fichead tastan.

Mhisnich an gnothach croitearan air feadh na Gàidhealtachd. Cha deach an fheadhainn ann am Beàrnaraigh a chur às an taighean. Dh’fhuiling Dòmhnall Rothach, Siamarlan Leòdhais, call cliù, agus chaochail e ann am bochdainn.

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: Dòmhnall MacAmhlaigh: Donald MacAulay; òigridh: young people; Tuath Thàcleit: Haclete Farm; ceala-deug: a fortnight; air thuiteamas: by chance; reubaltaich: rebels; Achd na h-Aimhreit: The Riot Act; Sgìr’ Ùige: Uig Parish; call cliù: a loss of reputation.

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: mun droch shuidheachadh ann am Beàrnaraigh Leòdhais: about the bad situation in Great Bernera; thàinig triùir mhaor air tìr anns an eilean: three agents landed on the island; dhiùlt iad coinneachadh far an robh na maoir ag iarraidh coinneachadh riutha: they refused to meet where the agents were wanting to meet with them; chuir na croitearan às leth a’ mhaoir-fhearainn, Seumas MacRath, gun robh e eas-onarach: the crofters claimed that the land agent, James MacRae, was dishonest; dhealaich an dà bhuidheann ri chèile glè mhì-riaraichte: the two groups parted form each other very dissatisfied; thilg iad caoranan agus plocan orra: they threw peats and clods of earth at them; mhaoidh an t-oifigear-siorraim – Cailean MacGillFhinnein – orra: the sheriff officer – Colin MacLennan – threatened them; gum biodh màthraichean a’ caoidh bàs am mac: that mothers would be mourning the death of their sons; nuair a ràinig iad an t-eathar aca: when they reached their boat; bha tuasaid ann air a’ chladach ach cha robh fòirneart ceart ann: there was a scuffle on the shore but there wasn’t proper violence; a’ »åè²¹²Ôamh air Steòrnabhagh: making for Stornoway; a’ cumail a-mach nach robh fios aige dè bha a shiamarlan a’ »åè²¹²Ôamh às a leth: making out that he didn’t know what his factor was doing on his behalf; fo chasaid gun tug iad ionnsaigh: charged with attacking; fhuaireadh an triùir chroitearan neoichiontach: the three crofters were found not guilty; càin luach fichead tastan: a fine of twenty shillings; chaochail e ann am bochdainn: he died in poverty.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: a’ feuchainn ris an cùmhnant a rinneadh a bhriseadh: trying to break the agreement that was [had been] made. Rinneadh is the past passive form of the irregular verb »åè²¹²Ô and means ‘was made, done’.

Gnàthas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: Chuir seo am fuaim air feadh na fìdhle: literally this means ‘this put the sound throughout the fiddle’ and is a variant on the more common ‘chuir seo an ceòl air feadh na fìdhle’. It is an equivalent to the English ‘this put the cat among the pigeons’.

Broadcast

  • Last Sunday 13:55

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast