Còmhla ris an Urr Siùsaidh NicDhonnchaidh, an Eaglais Bhaisteach
Seirbheis còmhla ris an Urr Siùsaidh NicDhonnchaidh bhon Eaglais Bhaisteach. Rev Suzie Roberts conducts this week's Gaelic religious service.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean agus an leughadh a leanas:
Mà iri NicAonghais a' seinn Tà ladh Chrìosda
Fiona NicChoinnich a' seinn Nach Glòrmhor an Naidheachd
Alasdair MacIlleBhà in a' seinn Seall, Thall ,Tighinn bhon Ear
Coitheanal aig Seirbheis a' Mhòid am-bliadhna ann an Eaglais Pharaist an Òbain a' seinn Thoir Dhomh Do Là mh
Leughadh: Eòin 1: 1-14
Thà inig Siùsaidh NicDhonnchaidh (no Siùsaidh Algie, mar a bh' oirre mus do phòs i) dhan Eilean Sgiathanach sna 90an nuair a bha i sia bliadhna deug. Dh'ionnsaich i Gà idhlig aig Ard-sgoil Phort Rìgh, 's chaidh i an uair sin gu Sabhal Mòr Ostaig. Bha i na neach-naidheachd air telebhisean agus rèidio airson ochd bliadhna deug, ag obair air prògraman leithid Telefios air Telebhisean Grampian agus Eòrpa is Aithris na Maidne air a' BhBC. Ghluais i a Shasainn ann an 2002 agus phòs i Mìcheal ann an 2005. Dìreach bliadhna às dèidh dhi pòsadh thà inig aillse broillich oirre, ach fhuair i seachad air.
Tha Siùsaidh air a bhith na Crìosdaidh còrr air dà fhichead bliadhna, agus tha i ag rà dh "gu bheil Dia air rudan mìorbhaileach a dhèanamh na beatha". Bha i fhèin agus an duine aice a' fuireach ann an Lunnainn fhad 's a bha Siùsaidh a' trèanadh airson na ministrealachd san Eaglais Bhaisteach aig Colaiste Spurgeon.
Fhuair i cead-searmonachaidh ann an 2017 agus bha i fhèin is Mìcheal stèidhichte ann am Poole ann an Dorset far an robh i na ministear air Eaglais Bhaisteach Longfleet. Tha i fhèin san duine aice Mìcheal cuide ri mà thair Siùsaidh air gluasad a dh'Alba.
Last on
Broadcasts
- Sun 29 Dec 2024 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 29 Dec 2024 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal