Còmhla ri Seonaidh Ailig MacGuaire, Eaglais na h-Alba
Seirbheis còmhla ri Seonaidh Ailig MacGuaire, èildear ann an Eaglais na h-Alba an Uibhist a Tuath. Gaelic service with John A MacQuarrie, elder, Church of Scotland, North Uist.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 25: 4-5 air fonn Evan agus 's e Iain Eachainn Macleòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Barabhas.
Salm 23: 1-2 air fonn Free Church agus 's e Aonghas Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh.
Salm 107: 1-2 air fonn Coleshill agus 's e Lachlainn MacDhùghaill a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Pabail an Uibhist a Tuath.
Leughadh: Lucas 2: 1-20
Ceann-teagisg Lucas 2: 15
Rugadh agus thogadh Seonaidh Ailig MacGuaire ann an Solas, Uibhist a Tuath. Fhuair e foghlam ann an Sgoil Dhùn Sgealair agus Sgoil Phaibeil ann an Uibhist agus Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis. Nuair a thòisich e air cosnadh, bha e ag obair aig Alginate Industries far an robh e an sàs ann an obair feamainn aig an à m sin. Chuir e seachad seachd bliadhna fichead ag obair eadar Roinn Taigheadas Chomhairle nan Eilean Siar agus Buidheann Taigheadais Innse Gall. Leig e dheth a dhreuchd aig HHP bho chionn còig bliadhna agus goirid an dèidh sin, phòs e agus ghluais e a dh' Inbhir Nis. 'S ann air croit a rugadh 's a thogadh e agus bidh e 'n Uibhist gu math tric ri obair fearainn còmhla ri bhrà thair. Thà inig atharrachadh na bheatha bho chionn còrr air deich bliadhna fichead agus thòisich e air beagan searmonachaidh a' dhèanamh mu fhichead bliadhna air ais. Tha Seonaidh Ailig na èildear ann an Eaglais Chille Mhoire ann an Uibhist a Tuath.
Last on
Broadcasts
- Last Sunday 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Last Sunday 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal