Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1325
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1325. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 8 Dec 2024
13:55
Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 1021
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1325
Duration: 05:00
Litir 1325: PÃ draig Friseal (3)
Tha mi a’ leantainn le eachdraidh-beatha Phà draig Fhriseil à Taobh Sear Rois – fear à teaghlach bochd Gà idhealach a dh’èirich gu bhith na phrìomhaire ann an Sealann Nuadh. Air dha bhith anns a’ phrìosan fad bliadhna, bha e gu math eòlach air poilitigs agus riaghailtean na pà rlamaid. Sin na cuspairean a bha e a’ leughadh fhad ’s a bha e fo ghlas!
Ann am fo thaghadh airson sgìre Meadhan Wellington, ann an naoi ceud deug is ochd-deug (1918), sheas Pà draig airson a’ Phà rtaidh Là baraich. Bhuannaich e gu furasta. B’ esan a-nise am ball a b’ òige sa phà rlamaid nà iseanta, aig aois trithead ’s a ceithir (34).
Thachair e ri Seònaid Kemp. ’S e ban-Albannach a bh’ innte, à Glaschu. Bha i dealaichte bhon chèile aice. Bha mac òg aice. Phòs i fhèin is Pà draig agus bha pòsadh air leth toilichte aca. Cha robh clann a bharrachd aca, ach bha Pà draig agus an dalta aige – Harold – dlùth ri chèile.
Bha na bliadhnaichean sin doirbh don Phà rtaidh Là barach ann an Sealann Nuadh. Bha iad a’ feuchainn ri astar a chumail eadar iad fhèin agus am Pà rtaidh Coimiunach. Leis nach robh e anns an riaghaltas, bha cothrom aig Pà draig ùine a ghabhail dheth ann an naoi ceud deug, trithead ’s a còig (1935).Â
Sheòl e fhèin is Seònaid a Lunnainn, an toiseach airson coinneamhan co-cheangailte ri obair. Chaidh iad gu Baile an Droma agus sheall ‘Pat’ do a bhean an t-à ite far an do rugadh is far an do thogadh e.
Faisg air deireadh na bliadhna, bhuannaich am Pà rtaidh Là barach an taghadh nà iseanta ann an Sealann Nuadh. Ghabh Pà draig grunn dreuchdan aig à rd-ìre. Bha e na Leas-phrìomhaire, agus na Mhinistear airson Foghlam agus airson Slà inte. Bha e cuideachd na Mhinistear airson nam Poileas, dreuchd a bha doirbh an toiseach leis gun robh e air a bhith sa phrìosan. Ach ghabh na poilis ris gun robh Pà draig onarach agus comasach, agus gun robh e taiceil dhaibh, agus bha cùisean rèidh eatarra.
Nuair a thòisich cogadh san Roinn-Eòrpa, thug Sealann Nuadh a là n-thaic don Rìoghachd Aonaichte. Mìos an dèidh toiseach a’ chogaidh, bha Pà draig ann an Lunnainn, oir bha Prìomhaire Sealainn Nuaidh tinn. Ghabh Pà draig cothrom tadhal air an t-seann dachaigh aige air a’ Ghà idhealtachd.
Chaochail am Prìomhaire anns a’ Mhà rt naoi ceud deug is ceathrad (1940), agus chaidh Pà draig a thaghadh na à ite. Bha mìltean de shaighdearan à Sealann Nuadh mar phà irt de dh’armailt nan Co-chòmhragaichean anns an Ear-Mheadhanach. Chaidh Pà draig a thadhal orra anns an Èiphit. Bha e cuideachd ann am Breatainn far an robh coinneamhan aige le Winston Churchill. Thill e a-rithist don Ghà idhealtachd. Chaidh saorsa còig bailtean a bhuileachadh air – Obar Dheathain, Glaschu, Inbhir Nis, Inbhir Pheofharain agus – faisg air an t-seann dachaigh aige – Baile Dhubhthaich. Bha spèis mhòr aig muinntir Taobh Sear Rois dha.
Ann an naoi ceud deug, ceathrad ’s a dhà (1942), bha Pà draig anns an Taigh Gheal ann am Washington DC. Ach b’ fheudar dha tilleadh dhachaigh, agus mì-thoileachas ann gun robh na mìltean de shaighdearan anns an leth-chruinne mu thuath, nuair a bha Iapan a’ bagairt air dùthchannan ceann a deas a’ Chuain Sèimh.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Seònaid: Janet; pòsadh: marriage; Baile an Droma: Hill of Fearn; Leas-phrìomhaire: Deputy Prime Minister; An Èiphit: Egypt; Inbhir Pheofharain: Dingwall; Baile Dhubhthaich: Tain.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: eachdraidh-beatha Phà draig Fhriseil à Taobh Sear Rois: the life story of Peter Fraser from Easter Ross; fear à teaghlach bochd Gà idhealach: a man from a poor Highland family [his parents spoke Gaelic]; a dh’èirich gu bhith na phrìomhaire ann an Sealann Nuadh: who rose to become the prime minister in New Zealand; fhad ’s a bha e fo ghlas: while he was locked up; sheas Pà draig airson a’ Phà rtaidh Là baraich: Peter stood for the Labour Party; am ball a b’ òige: the youngest member; dealaichte bhon chèile aice: divorced from her husband; a’ feuchainn ri astar a chumail eadar iad fhèin agus am Pà rtaidh Coimiunach: trying to maintain distance between themselves and the Communist Party; dreuchd a bha doirbh an toiseach leis gun robh e air a bhith sa phrìosan: a job that was difficult to begin with because he had been in prison; bha cùisean rèidh eatarra; they were on good terms; armailt nan Co-chòmhragaichean anns an Ear-Mheadhanach: the Allied forces in the Middle East; chaidh saorsa ceithir bailtean a bhuileachadh air: he was granted the freedom of five towns; b’ fheudar dha tilleadh dhachaigh: he had to return home; gun robh na mìltean de shaighdearan anns an leth-chruinne mu thuath: that there were thousands of soldiers in the northern hemisphere; nuair a bha Iapan a’ bagairt air dùthchannan ceann a deas a’ Chuain Sèimh: when Japan was threatening the countries of the South Pacific.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: sheall ‘Pat’ do a bhean an t-à ite far an do rugadh is an do thogadh e: ‘Pat’ showed [to] his wife the place where he was born and raised. In older Gaelic we would have said do a mhnaoi ‘to his wife’ using the dative form of bean ‘wife’. However, outside the formal language of a church service or academic conference, such an inflection is rarely encountered today. The nominative form has largely replaced the old inflected dative form. Don’t be worried about such changes – they are natural processes in a living language.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Air dha bhith anns a’ phrìosan fad bliadhna: after he had been in prison for a year.
Broadcast
- Sun 8 Dec 2024 13:55Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.