Goilf anns an Ã’ban
Tha Coinneach Mac a' Ghobhainn a' gabhail sgrìob a-mach chun a' raon goilf anns an Òban. Coinneach Smith tries his hand at golf at Glencruitten Golf Club in Oban, with Eric Smith.
'S iomadh duine a th' air a' bheò-ghlacadh le goilf agus 's iomadh duine a tha a' tadhal air Cluba Goilf Ghlinn Chruitein san Òban, cluba-dachaigh a' chluicheadair goilf ainmeil Raibeart Mac an t-Saoir.
Nuair a bha am Mòd Nà iseanta Rìoghail anns an Òban san Dà mhair, ghabh Coinneach Mac a' Ghobhainn an cothrom a dhol a-mach a thadhal air a' chluba seo, gus goilf fheuchainn son a' chiad uair a-riamh.
Ga chumail ceart bha Eric Mac a' Ghobhainn, ball dhen chluba; agus a cho-obraiche Karen Mhoireasdan a th' air ùr thòiseachadh air a' spòrs i fhèin o chionn dà bhliadhna. Saoil ciamar a chaidh dhaibh? Agus dè dìreach a tha cho tarraingeach mun a' spòrs sa?
Last on
Broadcasts
- Mon 18 Nov 2024 15:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 20 Nov 2024 20:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 24 Nov 2024 10:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal