Gabhsann 1924 - 2024
A' comharrachadh ceud bliadhna bho stèidhicheadh bailtean Ghabhsainn 's Mhealboist a Leòdhas. Commemorating 100 years since the establishment of the Galson community in Lewis.
'S e te de bhailtean ùra na Gà idhealtachd a bh’ ann an Gabhsann. Bha na daoine air an sguabadh às a’ cheà rnaidh seo de cheann an iar thuath Leòdhais, mar a chaidh am fuadach à iomadh ceà rnaidh dhen Ghà idhealtachd ‘s nan Eilean tron naodhamh linn deug. Bha an t-à ite air a ghabhail thairis le stoc nan uachdaran ‘s gu dearbha chaidh èirigh nan aghaidh. Ach b’ ann an dèidh a’ Chogaidh Mhòir, nuair a chaidh daoin’ air an casan a-rithist, a chaidh an talamh a bhriseadh ‘s a chuireadh a-mach na chroitean do dhaoine.
Bha ceud bliadhna air a' bhliadhna a dh'fhalbh, bhon uairsin.
An-diugh, tha sinn a' cluinntinn criomag bhon tasglann againn, bho 1989, nuair a chaidh Joan Alice NicÌomhair mu chuairt taigh an tac còmhla ri Aonghas Fionnlasdan.
Agus tha Mairianna NicChoinnich a-muigh am measg an fheadhainn a chruinnich aig toiseach na Samhain airson a' chà rn-cuimhneachaidh ùr, Na Dorsan, fhosgladh gu h-oifigeil.
On radio
Broadcasts
- Mon 11 Nov 2024 15:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 13 Nov 2024 20:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 17 Nov 2024 10:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 2 Jan 2025 17:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 5 Jan 2025 15:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 5 Jan 2025 21:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal