le Cathy NicDhòmhnaill
A bheil gnìomhachas mòr nan cà raichean sa Ghearmailt ann an cunnart a dhol à bith? Is the famed German automotive industry in danger of decline?
Tha Volkswagen air gearraidhean mòra ainmeachadh anns a' chompanaidh aca - rud a th' air iomagain mòr adhbhrachadh sa Ghearmailt. Tha eaconamaidh na Gearmailt gu mòr a' crochadh air na gnìomhachasan trom leithid togail chà raichean; ach a bheil trioblaidean Volkswagen na chomharra gu bheil trioblaid nas bunaitiche air fà ire do ghnìomhachas chà raichean na Gearmailt? Tha na Gearmailtich Crìsdean Stroemsdoerfer agus Mìcheil Klevenhaus an cuideachd Cathy gus cnuasachadh air a' cheist sa.
Bidh Iomain Cholmcille - tachartas is farpais iomain eadar Alba is Èirinn - ann an Leòdhas son a' chiad uair riamh aig an deireadh sheachdain. Tha Eòghan Stiùbhart ag innse barrachd mun iomairt agus mu na tachartasan; agus mu òraid a bhios e fhèin a' toirt seachad air eachdraidh iomain ann an Leòdhas.
Cluinnidh sinn cuideachd bho Marcel Gurillo à Valencia - agus mun dòigh a tha muinntir na Spà inne a' coimhead ris an teaghlach rìoghail aca às dèidh nan tuiltean uabhasach sna là ithean mu dheireadh.
Agus le Oidhche Guy Fawkes air fà ire - tha Coinneach Mac a' Ghobhainn air a bhith a' bruidhinn ri eòlaichean mu na thachair o chionn ceithir cheud bliadhna ann an Lunnainn, agus mar a tha e a' fà gail gu bheil bailtean is coimhearsnachdan air feadh na dùthcha fhathast a' lasadh theintean mòra a-nochd.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 5 Nov 2024 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 5 Nov 2024 22:25Â鶹Éç Radio nan Gà idheal