còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo. Highlights from this week's Naoi gu Deich.
Bha Cathy a' bruidhinn ri dithis is iad a' cuimhneachadh air an t-seann phrìomh mhinisteir nach maireann, Ailig Salmond mar agallamhaiche, mar fhear-poilitigs, agus mar charaid: am fear-naidheachd Aonghas Dòmhnallach agus Aonghas Brianan MacNèill. Ciamar a tha iadsan a' cuimhneachadh fear-poilitigs cho cudromach is a bh' ann an Alba sa linn sa?
Chùm Comann Eachdraidh Cheann a' Deas na Hearadh òraid Iain Moireasdan, Gobha na Hearadh - a bhiodh ri bà rdachd Chrìosdail anns an 19mh Linn. Cò bh' ann, agus dè an dìleab a dh' fhà g e? Bha Hamish Mac an Tà illeir ag innse an tuilleadh dhuinn.
Agus 's i Sybla Shillady cèiliche na seachdain, bha i a' còmhradh ri Cathy mu a h-òige ann am Bà gh a' Chà ise ann an Uibhist a' Tuath - coltach ri iomadach teaghlach Beà rnarach is Hearach eile, fhuair a teaghlach fearann a-sin o chionn ceud bliadhna. Eadar a-sin agus a beatha bhon uairsin, 's iomadh cuspair air an do chagainn iad is Sybla air co-latha breith mòr 80 bliadhna a dh' aois a chomharrachadh o chionn ghoirid.
Agus le prògram ùr a' togail air cà r beag a thug buaidh mhòr air iomadach draibhear - a' Hillman Imp - Bha Calum "Kiwi" MacLeòid agus Coinneach "Dennis" Caimbeul còmhla ri Cathy le'n cuimhneachain fhèin air a' chà r. Agus mar a chluinneas sinn, tha Hillman Imp Kiwi gu math trang air na rathaidean fhathast!
Last on
More episodes
Previous
Broadcast
- Sun 3 Nov 2024 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal