Main content
Sorry, this episode is not currently available

le Cathy NicDhòmhnaill

Fèis leabhraichean Faclan; eachdraidh nan Eilean Blasgaid an Èirinn; is cèiliche na seachdain. A preview of the Faclan book festival; Ireland's Blasket isles; and the week's guest.

Le fèis leabhraichean Faclan a' tòiseachadh ann an Steòrnabhagh, agus a' ruith thairis air an deireadh sheachdain, tha Ruairidh Moireach bhon Lanntair cuide ri Cathy NicDhòmhnaill le beachd is sealladh air na tha ri fhaicinn ann eadar a-seo agus Latha na Sàbaid.

Tha Alasdair MacEachainn air tilleadh bho thuras a dh' Èirinn, far an robh e a' dèanamh òraid air Hiort - is deasbad mòr a' dol mun inbhe UNESCO a th' aig Hiort a thoirt do na h-Eileanan Blasgaid ann an Èirinn. Dè na h-eileanan a tha sin, agus a bheil coimeas ri dhèanamh eadar suidheachadh nan eilean sin ann an Èirinn, is suidheachadh Hiort sa latha an-diugh?

Agus 's i Mòrag NicNèill cèiliche na seachdain; tè a bhuineas do Bharraigh bho thùs, ach a th' air iomadach bliadhna a chuir seachad san Òban - is a bha ag obair ann an Eilean Ì bliadhnaichean. Ciamar a thàinig i gu bhith san Òban, dè seòrsa obair ris an robh i aig Abaid Ì, agus a bheil muinntir a' bhaile air faighinn seachad air Mòd na seachdain sa chaidh? Sin dìreach cuid de na ceistean a bhios aig Cathy do Mhòrag.

57 minutes

Last on

Wed 23 Oct 2024 22:25

Music Played

  • Norman Maclean, JOHN CARMICHAEL & Alasdair Macdonald

    Mo Mhathair Chaomh

    • Gaelic Music Archive - TGW67349 Reel 161.

Broadcasts

  • Wed 23 Oct 2024 09:00
  • Wed 23 Oct 2024 22:25