Uibhist a Deas is Beinn na Fadhla
Bailtean trèigte an Uibhist a Deas agus Beinn na Fadhla, cuspair symposium Cheòlais 2024. Ceòlas Symposium 2024, an opportunity to learn about abandoned villages in Uist.
Sreath ghoirid air a chlàradh ann an Uibhist a Deas agus Beinn na Fadhla far a bheil Angela NicFhionghuin air a bhith a’ leantainn na bha an làthair aig symposium Cheòlais na bliadhna seo. B’e “Bailtean Trèigte” ann an Uibhist a Deas agus Beinn na Fadhla cuspair symposium na bliadhna seo.
Choinnich Angela an toiseach ri Dòmhnall Iain Dòmhnallach agus e a’ cur fàilte air na bha an làthair am bliadhna agus e gan stiùireadh troimhn’ a sgìre aige fhèin, Peighinn nan Aoirean agus Snaoiseabhal.
Thadhal iad an uairsin air Eaglais an Tobha Mhòir far an robh Tommy Dòmhnallach a’ feitheamh le chuid fiosrachaidh ‘s a eòlais fhèin agus chriochnaich an latha ann an talla Naomh Moire ann an Griminis far an robh Catrìona Muir bho Chomann Eachdraidh Bheinn na Fadhla , Dòmhnall Eairdsidh MacFhionghuin agus Seoras MacAmhlaigh a’ feitheamh air a bhuidheann airson innse mu na sgìrean trèigte air a bheil iad fhèin eòlach.
Last on
Broadcasts
- Mon 30 Sep 2024 15:30鶹 Radio nan Gàidheal
- Wed 2 Oct 2024 20:00鶹 Radio nan Gàidheal
- Sun 6 Oct 2024 10:00鶹 Radio nan Gàidheal