còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.
Aig Na Geamannan Oilimpigeach, thuirt an lùth-chleasaiche, Simone Biles, gu robh luchd-amharc a' toirt buaidh mhòr air cùisean. Dè seòrsa buaidh a tha luchd-amharc a' toirt air farpais neo cuirm sam bith, ged a b' e spòrs, ceòl neo eile? Chuir Cathy a' cheist air ceathrar a tha eòlach air a bhith air beulaibh dhaoine.
B' e Calum Fionnlasdan, cèiliche na seachdain. 'S ann à Nis ann a Leòdhas a tha Calum 's tha e dìreach air a dhreuchd a leigeil dheth bho chionn ghoirid, an dèidh seòladh air feadh an t-saoghail mar chaiptein mara. Tha e fhèin 's an teaghlach air a bhith fuireach ann an iomadh ceà rnaidh dhen t-saoghal, 's iad a-nise air tilleadh a Leòdhas.
An t-seachdain sa, lorg luchd-saidheans dearbhadh air bùrn gu domhainn ann an creagan Mars; rud a th' air deasbad a thogail mu cho coltach is a bhiodh e gum biodh rudeigin beò air planaidean eile. Air a' latha seo fhèin ann an 1977, thog Oilthigh Stà it Ohio craoladh rèidio bho na speuran air an tug iad a' 'Wow Signal', oir gu robh e cho coltach ri rudeigin a thigeadh bho shìobhaltas eile sna speuran. Ach a bheil cà il beò a-muigh sna reultan? Rinn na h-eòlaichean Naomi Mitchison, Iain MacIllEathain, agus Dòmhnall Iain Dòmhnallach deagh thomhais air freagairt na ceist.
Agus air seachdain chudromach ann an saoghal pìobaireachd, chuala sinn sgeulachdan inntinneach is èibhinn bhon phìobaire ainmeil, Rhona Lightfoot.
Last on
More episodes
Previous
Broadcast
- Sun 18 Aug 2024 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal