le Cathy NicDhòmhnaill
Còmhradh, deasbad, cultur agus cur-seachadan le Cathy NicDhòmhnaill. Conversation, discussion, culture and lifestyle chat with Cathy MacDonald .
Tha Claudia Sheinbaum air a bhith air a taghadh mar a’ chiad phrìomhaire boireann air Meagsago. Tha an neach-naidheachd, Darren Laing a' toirt sùil air a sgeulachd beatha.
Chùm a' chompanaidh ainmeil Dior cuirm mhòr aig Caisteal Dhrumainn ann am baile Chraoibh an-dè. Tha 70 bliadhna bho chùm iad a leithid an Alba roimhe 's bha daoin' ainmeil bho air feadh an t-saoghail an là thair, eadar cleasaichean, modailean, ealanaichean fasain is eile. Aig ceann a' phairèid, bha Brìghde Chaimbeul leis a' phìob bhig. Tha i ag innse do Chathy mun tachartas agus mu cò ris a bha e coltach, cuireadh fhaighinn airson a leithid a dhèanamh. Tha sinn a' cluinntinn cuideachd bho Chalum Iain MacLeòid a bha an là thair às leth Clò Mòr Innse Gall.
'S e cèiliche na seachdain, Andar Gunneberg. Rugadh e air taobh siar na Gearmailt agus b' e bu shine ann an teaghlach de shianar. Bha athair na mhinistear Lutheran 's nuair a bha Andar aona bliadhn' deug, ghluais iad a Ghlaschu, far an robh athair air a ghairm gu eaglais Gearmailteach sa bhaile. 'S ann an sin a chuala Andar a' Ghà idhlig an toiseach 's fhuair an cà nan grèim air. Tha e an-diugh na dhotair ospadail anns a' Chuimrigh, far a bheil Cathy a' còmhradh ris an-diugh, 's i ann am baile Chardiff.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Wed 5 Jun 2024 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 5 Jun 2024 22:25Â鶹Éç Radio nan Gà idheal