le Cathy NicDhòmhnaill
Còmhradh, deasbad, cultur agus cur-seachadan le Cathy NicDhòmhnaill. Conversation, discussion, culture and lifestyle with Cathy MacDonald.
Le Mìos Mothachaidh Aillse Craicinn a' tighinn gu ceann, tha an carthannas Rannsachadh Aillse na Rìoghachd Aonaichte air comhairle a sgaoileadh do dhaoine mu cho deatamach is a tha e do chraiceann a dhìon bho ghathan na grèine. Tha Cathy a' bruidhinn ris an Dr Sìne Dickson mun chunnart a tha an lùib an aillse sin, agus mar a thèid aig daoine air an dìon fhèin.
Tha Cathy cuideachd a' tadhal air taisbeanadh ùr aig là rach eachdraidheil Mhuilnean Stanley, faisg air Peairt. Choinnich Cathy Aideen O' Malley sa mhuilinn, far a bheil fiosrachadh agus eisimpleirean gan taisbeanadh de litreachas anns na muilnean agus na factaraidhean cotain seo eadar na h-1840an agus 1910.
‘S tric a tha sinn a’cluinntinn mun bhuannachd a th' ann a bhith a' coiseachd – dhan bhodhaig agus dhan inntinn. Tha mìos a' Chèitein ga chomharrachadh mar Mhìos Nà iseanta nan Cuairt-Coise - agus gach seachdain dhen mhìos sa tha cuideigin ag innse do Chathy mu na cuairtean sna sgìrean aca fhèin. Sa phrògram sa, 's i Bria Mason a tha ag innse dhuinn mu na slighean as fheà rr leatha fhèin faisg air a dachaigh ann an Dà l Cheith, deas air Dun Èideann.
Agus tha Patsi NicChoinnich air ais leis an t-sreath aice mu leabhraichean-latha. Tha Patsi, gach mìos, a' dèanamh a taghadh fhèin de leabhar a tha stèidhte air leabhar-latha, agus an-diugh tha i a' toirt sùil air A Writer’s Diary le Virginia Woolf.
Last on
More episodes
Previous
Next
Broadcasts
- Thu 30 May 2024 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 30 May 2024 22:25Â鶹Éç Radio nan Gà idheal