Main content
Sorry, this episode is not currently available

le Cathy NicDhòmhnaill

Còmhradh, deasbad, cultur agus cur-seachadan le Cathy NicDhòmhnaill. Cathy MacDonald with a mix of topical issues, features and talking points.

Tha a' mhòr-chuid againn, uair neo uaireigin, air stuth fhaicinn ga thilgeil air càraid a tha an dùil posadh, eadar uighean, flùr is iomadh rud eile nas mì-chàilear na chèile. Ach tha Comhairle Arcaibh air gearan às ùr a thogail bho chionn ghoirid, mun staid sa bheil àiteachan, leithid taighean-beaga, gam fàgail às dèidh làimhe. Ach cò as a thàinig an cleachdadh a tha seo? Tha Catriona Mhoireach, eòlaiche air traidiseanan, dualchas agus eachdraidh na h-Alba, ag innse do Chathy.

Nì Fay NicDiarmaid lèirmheas air a' leabhar, Slum Boy, a sgrìobh Juano Diaz, a tha an-diugh na ealanaiche soirbheachail, mu bheatha ann am baile Ghlaschu sna 70an.

'S i Peigi Màiri NicNeacail, cèiliche na seachdain. Rugadh 's thogadh Peigi Màiri air a' Bhac ann a Leòdhas. Bha i bliadhnaichean mòra na neach-teagaisg ach ag obair cuideachd aig Comann Rìoghail Dìon nan Eun. Tha nàdar agus an àrainneachd cudromach dhi chun là an-diugh 's an cois sin, tha ùidh mhòr aice sa cheangal eadar saidheans is creideamh. Tha Peigi Màiri a-nise air a dreuchd a leigeil dhith, 's e a' còrdadh rithe a bhith a' gàirnealachd, a' coiseachd a-muigh agus a' leughadh.

57 minutes

Last on

Wed 8 May 2024 22:25

Broadcasts

  • Wed 8 May 2024 09:00
  • Wed 8 May 2024 22:25